- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Balg Buachair
Bha am facal Balg Buachair air a chruinneachadh ann an Dùn Omhainn, ach ’s ann à Barraigha thàinig e bho thùs. Bha am facal air a chruinneachadh ann an liosta faclan bith-eòlach agus sgrìobh an t-ùghdar gun robh ‘càise na Rodair’ air a chleachdadh na bu chumanta. Tha iomadh cruth tuairisgeulach diofaraichte dhe ‘balg buachair’ air feadh nan eilean.
Ann an Uibhist a Deas, bha ceithir cruthan air an cruinneachadh. Ann an Gearraidh na Mònadh cleachd na muinntir an àite ‘meall coinnain/coinein’ agus ann an Geirinis bha ‘balga buachaill(e)’ air a chruinneachadh. Anns an Ìochdar, bha ‘balgan buarach’ air a chleachdadh agus ‘sgaileaga buachar’ ann an Loch a’ Charnain. Anns na Hearadh, bha ‘balg-bhuachair’ air a chruinneachadh ann an Greòsabhagh ann an 1972.
A-rèir ‘The Gaelic Names of Plants’ (Glasgow, J. Mackay, 1900), is e facal aosmhor Ceilteach a tha ann am ‘balg’ agus tha e a’ ciallachadh baga no sporan. Cha robh mìneachadh aig na Ceiltich anns na h-àmannan ud airson na balgan buachair ach a rèir miotas-eòlas Ceilteach, bha iad ga cleachdadh le sìthichean mar bhùird airson nam fèist aca.
Tha barrachd fiosrachadh mu dheidhinn balgan buachair an seo.
A bheil facal ionadail inntinneach agaibh airson Balg Buachair? Ma tha, bhiodh ùidh againn a chluinntinn bhuaibh air Facebook no air Twitter.
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo