- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cire
Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 2mh An Gearran 2017
’S e ‘cire’ am facal a th’ againn dhuibh an t-seachdain-sa, facal aig a bheil ceangal ri uain agus caoraich.Tha ciall no dhà eadar-dhealaichte aig an fhacal ‘cire’ a rèir Faclan Bhon t-Sluaigh. Ann an Suaineabost, Eilean Leòdhais, thathar a’ cleachdadh cire (iolair=cireachan) nuair a tha na h-uain aig ìre a dhol a-staigh airson a’ gheamhraidh agus mus tèid iag air ais dhan mhòinteach. An dèidh seo ’s e “othaisgean” a bhiodh orra, uan a tha mu bhliadhna a dh’aois.
Chaidh am facal ‘cire’ a chruinneachadh cuideachd bho chuideigin ann an Antaiginis, Alba Nuadh, agus neach ann an Glaschu, a bhuineadh bho thùs do Chamus Croise san Eilean Sgitheanach. Bha ciall beagan eadar-dhealaichte aig an duine seo a chionn ’s gun tuirt e gur h-e ‘cire’ a chleachdar mar ghairm do dh’uan no chaora.
Ann an Scalpaigh na Hearadh bha ‘cnàmh-a-cire’ agus ‘cnàmh-a-chire’ aig neach, a’ ciallachadh “chewing the cud” mar bhò no tharbh.
Tha na faclan ‘ciora,’ ‘ciorag’ agus ‘ciridh’ san Fhaclair Dwelly cuideachd a’ ciallachadh uan, a tha gu math coltach ris an fhacal chumanta ‘caora.’
An cuala sibh riamh ‘cire’ no na faclan eile mar sin? No a bheil abairt no faclan eile agaibh a’ ciallachadh an aon rud? Cuiribh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo