- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Toiteal
Air a sgrìobhadh le Alasdair air 9 An Gearran 2017
Tha toiteal ga lorg ann an dà chlàr à Scalpaigh na Hearadh am measg Faclan bhon t-Sluagh. Tha am facal air a mhìneachadh mar seo: “smoke rising from a vessel at sea, or from a house”, m.e. “Tha e air toiteal a chuir an àird”, agus “little smoke rising from a slow burning fire”.A thaobh an dara mìneachaidh, tha toit – facal boireannta a rèir Faclair LearnGaelic – ga mìneachadh mar “smoke” air an aon chlàr. Tha e coltach, mar sin, gu bheil toiteal – facal fireannta a rèir Faclair LearnGaelic – na mheanbhair air toit agus e ga mhìneachadh mar “little smoke” anns an t-seagh shònraichte seo ann an Scalpaigh. Tha meanbhair eile clàraichte air an aon chlàr: toiteag “smoke rising cigarette fashion, cigarette. [SLIP: Puff of smoke, as from cigarette.]”.
Tha toiteal, ge-tà, cuideachd ga mhìneachadh mar ‘flock of birds in a feeding frenzy; frantic movement (esp. fray, skirmish, attack, splashing)’ ann am Faclair LearnGaelic. Tha e follaiseach gur h-anns an dara seagh a chuir Iain Lom toiteal gu feum na dhàn loghmhor Latha Inbhir Lòchaidh. Seo mar a tha an ceathramh anns a bheil am facal clàraichte aig Annie M. MacKenzie ann an Òrain Iain Luim: Songs of John MacDonald, Bard of Keppoch, leabhar a lorgar ann an Corpas na Gàidhlig:
“Thug sibh toiteal teth mu Lòchaidh, // Bhith ’gam bualadh mu na srònaibh: // ’S lìonmhor claidheamh claisghorm còmhnard // Bha bualadh ’n lamhan Chlann Dòmhnaill.”
Chaidh an dàn agus an dearbh cheathramh seo fhoillseachadh ann an iomadach teacsa eile a tha a-nis rin lorg ann an Corpas na Gàidhlig. Lorgar toiteal ann an corra sheagh eile an sin. Tha Iain Mac-Choinnich, mar eisimpleir, ga mhìneachadh mar seo ann an Sar-Obair nam Bard Gaelach: “an attack in battle, a warlike movement, a flock of water fowls”.
Facebook: https://www.facebook.com/DasgGlaschu
Twitter: https://twitter.com/DASG_Glaschu
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo