- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Dùgan
Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 26mh dhen Fhaoilleach 2017
’S e dùgan facal na seachdaine agus ’s ann à Gearraidh na Mònadh, Uibhist a Deas, a thàinig e. A rèir Faclan bhon t-Sluagh, tha e a’ toirt iomradh air ùir a tha dorcha no mòinteach agus cuideachd air loch a tha làn phuill agus fheòir. Tha e follaiseach, ma tha, gur h-ann bhon fhacal dubh a tha a’ chiad phàirt dhen fhacal a’ tighinn, ach chan eilear fios ann le cinnt idir a thaobh tùs an dàrna phàirt.
Tha e coltach gur h-e facal gu math ionadail agus car annasach a th’ ann am facal dùgan air sgàth ’s gu bheil e doirbh barrachd fiosrachaidh fhaotainn mu dheidhinn. A thaobh faclan aig a bheil ceangal ri ùir agus mòine far a bheil am facal dubh ann, tha dubh-fhàd ri fhaotainn ann am faclair Dwelly agus dh’fhaodte gu bheil ceangal eadar seo agus dùgan.Tha dubh-fhàd a’ ciallachadh an dàrna earrann dhen mhòine a tha eadar-dhealaichte bhon fheannad, an earrann aig bàrr na mòna. Tha am facal feannad ceangailte ri fionn: tha am pàirt seo dhen mhòine nas gile na an dubh-fhàd a tha fodha. Mar a chaidh a ràdh an seo, chan eil an dàrna earrann dhen mhòine cho daingeann ’s a tha a’ chiad fhear air sgàth ’s gu bheil e nas fhaisge air an uisge-ìochdair – mar sin, dh’fhaodte gu bheil ciall an fhacail seo ceangailte ris a’ chiall loch a tha ri fhaotainn airson dùgan.
A rèir Faclan bhon t-Sluagh, tha ciall shamhlachail ann cuideachd airson dùgan – chanar dùgan a’ gheamhraidh airson an ùine as duirche dhen gheamhradh. Leis cho soilleir, ge-tà, ’s a tha a’ ghrian a’ deàrrsadh fhad ’s a tha mi a’ sgrìobhadh seo, tha e coltach (no tha mi an dùil) gu bheil an t-àm sin dhen bhliadhna seachad a-nis!
Ma tha barrachd fiosrachaidh agaibh air dùgan no faclan a tha ceangailte ris, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook no Twitter?
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo