- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gàidhlig Arainn
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 12mh den Fhaoilleach
An t-seachdain-sa, ghabh mi an cothrom sùil na bu mhiondaiche a thoirt air dualchainnt agus sgeulachdan bho àite a bha riamh gam tharraing. Cha robh mòran de mhothachadh air a’ Ghàidhlig ann an Eilean Arainn nuair a bha mi na b’ òige. Mar sin, bha e na iognadh mòr dhomh stòras Gàidhlig cho prìseil a lorg ann; ann an àite far an do chuir mi seachad grunn làithean-saora. Gu mì-fhortanach, chaochail an duine mu dheireadh aig an robh Gàidhlig Arrainneach bho thùs tràth sna naochadan. Mar sin, cha b’ ann ach bho chionn ghoirid a chailleadh an t-eilean an ceangal seo ris an dualchas aca.Airson blasad de dhualchainnt Arainn fhaotainn, nach èistibh ris a’ chriomag chòmhraidh seo, far a bheil bodach às an t-Seasgann a’ bruidhinn ris an neach-clàraidh. Cluinnidh sibh eadar-dhealachadh, tha mi cinnteach, san fhuaimneachadh bho dhual-chainntean eile a tha nas bitheanta ann an Alba san latha an-diugh.
Anns a’ phios eile a leanas, le guth Iain Robasdain, cluinnidh sibh abairtean iogantach mar seo ‘nios leòr,’ seach ‘gu leòr;’ rud nach cuala mise riamh!
San tasglann againn, lorgaidh sibh righinneach, facal airson craiceann cruaidh, goirt aig bonn nan ìnean, agus nòta beag air fuaimneachadh san sgìre seo. Tha ciallan ann, seach feusag; feamaire seach feamainn; madag-dùn seach biast-dubh. Bha famail ann seach cluaran, mar as àithne dhomh fhìn e. Bha mi air mo bheò-ghlacadh a bhith a’ faicinn gun robh eadar-dhealachadh mòr ann am briathrachas Arainn agus tìr-mòr Earra-Ghàidheal, fiù ’s ged nach eil iad cho fad air falbh on chèile.
Mholainn dhuibh sùil a thoirt air a’ chorpas gus barrachd fhaotainn a-mach mun ghruagach ann am Beannain, taobh a Deas Arainn. Bha i a’ tamhachd ann an uamh agus ’s i a’ coimhead as dèidh a’ chruidh. Bha i gan dìon agus bha na daoine a’ toirt cupa beag bainne dhi, mar a b’ àbhaist dha sluagh sna ceàrnaidhean eile a dhèanamh airson nan glaistigean.
Bha naomh Maol-Ìosa a’ tamhachd air an Eilean Molaise, neo Holy Isle far a bheil comraich Budach san latha an-diugh. Cluinnidh sibh sgeulachd mu dheidhinn air Tobar an Dualchais an seo. An cluinn sibh na bhios am bodach ag ràdh an àite ‘timcheall‘ aig toiseach an clàir a tha seo?
Tha mi den bheachd gu bheil e riatanach na dual-chainntean seo a chumail nar cuimhne. Mo bheannachd dhan fheadhainn a tha gan ionnsachadh agus gan ùisneachadh, fiù ’s ged nach eil iad bitheanta a-nist. Tha an dualchainnt ioma-fhillte seo a’ cur an cèill na freumhan domhainn àrsaidh eadar an t-eilean ud agus Èirinn, agus an còrr de dh’Alba. ’S ann mar seo a dh’fhàsas sibh eòlach air àite, agus dulachas na h-Alba air fad, ann an dòigh nach biodh comasach as na h-aonais.
Fàgaibh ur beachdan gu h-ìseal, a chàirdean, air Facebook air neo air Twitter. Bhiomaid air leth toilichte a chluinntinn bhuaibh.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo