Gàidhlig / English
Bannag

Bannag

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 5mh den Fhaoilleach
Bliadhna Mhath Ùr dhuibh uile! An t-seachdain-sa, bha e na thlachd dhomh fhaotainn a-mach mu chleachdaidhean anns na h-Eileanan cheangailte ri Oidhche Challainn. Bha mi riaimh den bheachd nach robh na daoine anns a’ bhaile agam a’ dèanamh gu leòr gus na sean-chleachdaidhean a chumail beò, agus chòrd e rium a bhith a’ faotainn a-mach gum biodh an leisgeul fhathast ann as dèidh na Nollaige cèiceachan ithe, agus an leisgeul dìoghaltas a thoirt air an fheadhainn nach toireadh dad dhuibh!
 
’S e Oidhche nam Bannag a th’ ann an oidhche ron na Nollaige ann an cuid de dh’àiteachan, ach ’s ann air Oidhche Challainn a dh’itheadh bannagan ann an àiteachan eile. ’S e breacag nan gille cullaig a theirte ann an Uibhist a Deas, agus Oidhche Chullaig a th’ ann san Eilean Sgitheanach. Thugadh a’ bhannag do na gillean a thigeadh chun an taigh air Oidhche Challainn gus tadhal air an teaghlach. Tha an Carmina Gadelica ag innse dhuinn gun robh a’ chlach bhannag air a thoirt dha chlann-nighean mar shamhla air Brìghde, mar thè a choimhead as dèidh Chrìosda. Tha Brìghde a’ toirt beò na bliadhn’ ùir. Gheibh i fhèin tìodhlacan ann am beagan mhìosan airson nan tìodhlacan ùrà, uaine a bheir i dhuinn.
 
Bhiodh a’ chlann a’ gabhail an duain seo a leanas, is iad a’ dol bho thaigh gu taigh:
 
“Thoir a’ bhiadh do fhear –an-tighe, ’s thoir a bhannag dhomhsa.”
 
Bha e na chleachdadh aig na gillean Uibhisteach càrn a thogail taobh a-muigh taigh cuideigin nach tugadh sian sam bith bith dhaibh nuair a rachadh iad a thadhal orra. Ann an Uibhist a Deas, ’s e càrn nam mollachd a thugadh air. Thigeadh na balaich còmhla airson a’ challainn a chomharrachadh aig partaidh ris an canar tréathd.

 
Tha an Carmina Gadelica cuideachd ag innse dhuinn gun robh e na dhleasdanas aig na daoine a bha san taigh a’ bhannag a thionndadh deiseil, gus nach tigeadh droch-fhortan air an teaghlach. Bha e riatanach nach biodh fallaid air fhàgail anns a’ chiste mhìne as dèidh dha sin a dhèanamh. ’S ann mar sin a sheachnadh na daoine a’ chailleach, a ghabhadh àite-suidhe air a’ chiste. Dh’itheadh i roinn fhortain an teaghlaich uile gu lèir. Faodaidh sibh tuilleadh a leughadh air cleachdaidhean mun bhannag bho Carmina Gadelica II an seo:
 
Bhiodh a’ chlann anns a’ Chuimrigh a’ dèanamh a cheart rud ri clann nan Gàidheal, agus ’s e calennig a bheireadh a’ chlann do theaghlach air an sgrìob. B’ e ubhal a bha seo, air a chòmhdachadh le dealgan ghiuthais, chuileann is abhair. Thigeadh an calennig gu daoine mar thìodhlac airgid, neo dòrtadh uisge bho thuba!
 
Ma chualas sibh riamh mu chleachdaidhean na Callaine ann an àite sam bith eile, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no air Twitter.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo