Gàidhlig / English
Fuaradh Froise

Fuaradh Froise

Air a sgrìobhadh le Abi air Diardaoin 19mh Faoilleach 2017


Chaidh fuaradh froise a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas le A. O’Henley bho Uibhisteach eile dom b’ ainm Ruairidh O’Henley. Tha e a’ ciallachadh gaoth gu math làidir beagan uìne mus tigeadh fras, a thachaireadh mar as bitheanta eadar an Faoilleach agus an Gearran. ’S cinnteach gu bheil sinn uile ann an Alba gu math eòlach air gaoth mar seo, gu sònraichte an dèidh na seachdain seo chaidh.

Tha fuaradh san fhaclair Dwelly a’ ciallachadh gaoth fhuar agus bha an abairt ‘chan eil fois no fuaradh air’ air a chruinneachadh san Eilean Sgitheanach airson cuideigin a tha an-fhoiseil. Chaidh fuaradh a chruinneachadh sna Hearadh cuideachd airson cuideigin aig an robh beul gun phutan – ‘Cha deachaidh fuaradh air o thàinig sinn an seo an diugh – referring to a talkative person.’

Tha fuaradh-froise sa bhàrdachd a rinneadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, agus e a’ nochdadh san dàn dhruidhteach ud Òran don Phrionnsa:

    Samhail an Fhaoillich a choltas,
    Fuaradh-froise ’s fadadh-cruaidh,
    Lann thana na làimh gu cosgairt,
    Sgoltadh chorp mar choirc’ air cluain.
 
San dàn seo, tha mac Mhaighstir Alasdair a’ cleachdadh ‘fuaradh-froises fadadh-cruaidh’ mar shamhla gu bheil geamhradh agus droch aimsir air fàire cho math ri batail mòr.

A bheil faclan no abairtean eile agaibh airson rudeigin a tha a’ ciallachadh gu bheil droch aimsir air fàire? Bhitheamaid uabhasach toilichte a chluinntinn bhuaibh. Faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean agus tha duilleag againn air Facebook agus air Twitter.

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo