- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Gàtaire
Air a sgrìobhadh le Abi air 8mh dhen Dùbhlachd 2016
Tha an aimsir fìor gheamhrachail againn a-nise agus tha e a’ fàs nas fuaire gach latha. ’S ann à Eilean Leòdhais a thàinig facal a th’ againn air an t-seachdain seo, gàtaire, agus e a’ ciallachadh cuideigin a tha an còmhnaidh gu math fuar, ag iarraidh àite blàth ri taobh na cagailt agus a tha cho fuar ris a’ bhàs mar a chanas iad anns na Hearadh co-dhiù ann an 1975.Chaidh am facal cotag a chruinneachadh anns na Hearadh airson tè nach eil calma agus a tha a’ gearain mun fhuachd fad na tìde. Cuideachd, chaidh an sean-fhacal seo a chruinneachadh ann an Uibhist a Tuath ann an 1966 airson cuideigin a bha gu bitheanta fuar, Sròn coin is tón boireannaich.
Bha deagh fhacal air a chruinneachadh san Eilean Sgitheanach, aingealach, airson ‘numbness, e.g. due to cold’. Bha am facal balbh ga chleachdadh anns an Siorrachd Rois airson ‘numb’ – Tha mo làmh balbh leis an fhuachd ... My hand is numb with the cold.
A bheil faclan eile agaibh airson gàtaire agus cuideigin a tha an còmhnaidh fuar? Nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook, Twitter no faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean againn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo