- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Blouraichean
Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 1mh An Dùbhlachd 2016
Aig an àm seo dhen bhliadhna (agus fad na bliadhna ann an Alba ’s dòcha!), bidh a’ mhuir a’ fàs tomanach, agus mar sin, ’s e ‘blouraichean’ am facal a th’ againn dhuibh an t-seachdain-sa.Bha ‘blouraichean’ air a chruinneachadh ann an Scalpaigh na Hearadh, agus tha am facal a’ ciallachadh tonnan a tha mòr, no muir a tha trom is a’ ruith.
Tha facal eile coltach ri ‘blouraichean’ a’ nochdadh ann am Faclair Dwelly, ‘blorach’, buadhair a tha a’ ciallachadh fuaimneach no gleadhrach. Tha am facal “blor” ann cuideachd, a’ ciallachadh fuaim àrd.
Tha am facal ‘blore’ ri fhaicinn sa Bheurla cuideachd, air a chleachdadh airson gaoth làidir.
An cuala sibh riamh ‘blouraichean’ no na faclan eile mar sin? No a bheil abairt no faclan eile agaibh a’ ciallachadh an aon rud? Cuiribh fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo