- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Sìd’ chas / Crannadh
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 15mh den Dùbhlachd
Tha sinn a’ dol a bhruidhinn mun t-sìde air an t-seachdain-sa: tioram, ùr agus cho fuar ris a’ phuinnsein. Bu ghasda leam a’ coiseachd air latha mar seo san Dùbhlachd; a’ cluinntinn fuaim an fheòir reòthte a’ cnagadh fom chasan. ’S ann à Tiriodh a thàinig an dà abairt; sìd’ chas / crannadh. ’S e crannadh a theirte ri crionadh, neo bàsachadh cuideachd. Faodar ga chleachdadh airson a bhith a’ glasadh air neo a’ sparradh an dorais gu teann. Tha an ìomhaigh sin a cheart cho làidir dhòmh-sa nuair a smaoineachas sinn air an fhearann bhochd ghlaiste fon fhuachd.
Seo dhuibh tuilleadh abairtean a’ dealbhachadh rudan a chitheadh sibh mur timcheall is sibh a-muigh a’ coiseachd air latha reòthte. ’S e reothadh dubh a th’ ann an reothadh cruaidh, nach gabh fhaicinn agus air leth cunnartach air na rathaidean. ’S e liath reothadh ann am Muile, neo liantach a thàinig à Ìle, a th’ ann an reothadh brèagha air an fheur agus air duilleagan. ’S e neimh a th’ ann an ceò ag èirigh a tha ag innse dhuinn gu bheilear a’ dèanamh deigh air bhàrr an uisge. ’S e flòdradh a th’ ann an uisge a tha an ìre mhath tana air deigh, nach do dh’ fhàg leis an tràghadh.
Chan ann an gach iomall a dh’fhaodadh am fearann a bhith air an reothadh ge-tà. Bhiodh an artag, a’ cheap artaig, neo a’ cheap cladaich saor bhon fhuachd, agus ’s e iomall fhòid a tha seo; fon uisge aig muir làn. Seo a b’ adhbhar don abairt seo, bho chòmhradh ann am Breacais:
“Nuair a thiodhlaic sinn Màiri Uilleam, b’ eudar dhuinn ceap cladaich a chuir oirre.”
’S ann mar sin a chumadh iad an reothadh bhon charaid aca.
Dh’èigheadh sibh, “Foiteag! Foiteag!” ann an Eilean Leòdhais, air latha fuar, a chuireadh crith nur fiaclan, neo a’ chrìth-bheilleag, mar a theirte ann an Caol Acainn. Ach is dòcha nach e ach tè / duine dis a th’ annaibh!
Nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìseal neo air Facebook neo Twitter, ma tha tuilleadh fhaclan agaibh ceangailte ri fuachd puinnseanta.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo