- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Cailleach-bhuaineadh
Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 3mh an t-Samhain 2016
Tha facal na seachdaine, cailleach-bhuaineadh, a’ toirt iomradh air cleachdadh sònraichte a bha uair bitheanta gu leòr ann an iomadh àite air feadh Alba. ’S ann an Ìle a chaidh cailleach-bhuaineadh a chruinneachadh airson Faclan bhon t-Sluagh agus tha e a’ toirt iomradh air an sguab mu dheireadh a bhiodh aca aig àm na buana. Bhiodh an t-arbhar seo air a thoirt a-steach dhan taigh, air a chur ann an cruth Crois Naomh Anndra, agus air a sgeadachadh le ribeanan agus an uair sin air a chrochadh air tàirng tron gheamhradh. As t-earrach, gheibheadh an dà each aon leth mu seach dhen “chailleach” seo mus tòisicheadh iad air an treabhadh.
Bhathar a’ creidsinn gun robh ‘spiorad an arbhair’ (‘the corn-spirit’) an làthair anns an arbhar agus sin as adhbhar gun deach seo a dhèanamh. Ann an Tìr an Eòrna – Land of Barley (pasgan fiosrachaidh air cleachdaidhean na buana ann an Tiriodh, air fhoillseachadh leis an Iodhlann, 2003), tha cunntas mionaideach ri fhaotainn air seo. An seo, thèid ainmeachadh gum bathar a’ smaoineachadh gum b’ e spiorad an arbhair a chuidich an t-arbhar le bhith a’ fàs gu neartmhor. Fhad ’s a bha a’ bhuain a’ dol ar adhart, bhiodh an spiorad seo a’ fàs na bu treasa anns an arbhar a bha fhathast ri bhuain gus am biodh e fìor làidir anns an arbhar mu dheireadh. Nan deach an t-arbhar seo a shàbhaladh tron gheamhradh, bhiodh an spiorad seo a’ neartachadh an arbhair as t-earrach. Sin as adhbhar gun deach a’ chailleach bhuan’ no maighdean bhuan’, mar a bhathar a ràdh air a shon ann an Tiriodh, a dhèanamh dhe agus a thoirt dha na h-eich ag àm na treabhadh.
Mar a thèid ainmeachadh le MacGilleathain ann an The Last Sheaf (Scottish Studies, vol. 8, 1964), bha cleachdadhaidhean sònraichte ceangailte ris an arbhar mu dheireadh ri fhaighinn air feadh Alba ann an iomadh chruth agus le ainmean eadar-dhealaichte. Nuair a chaidh an sguab mu dheireadh a chrochadh taobh a-staigh an taighe, mar a chaidh a chur an cèill an seo, b’ e Cailleach Bhuana no Maighdean Bhuana an t-ainm oirre. Uaireannan, bhiodh an sguab air a chur air bàrr a’ chruach-arbhair mu dheireadh airson sealltainn gun robh a’ bhuain deiseil – an uairsin b’ e clàidheag a bhiodh aca air. Thachradh cuideachd gun tilgeadh croitear an sguab mu dheireadh aige air fearann a nàbaidh airson sealltainn gun robh e air crìoch a chur air a’ bhuain ron nàbaidh – an uairsin, chanadh a’ Ghobhar Bhacach air a shon.
Ma tha fiosrachadh sam bith eile agaibh air cailleach-bhuaineadh no cleachdaidhean eile ceangailte ri àm na buana, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo