- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Caora-chàraidh
Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 27mh den Damhair
Chaidh abairt na seachdaine, caora-chàraidh, a chlàradh ann an Uibhist a Deas. ’S e seo a theirte ri chaora reamhar a thug na croitearan don uachdaran air Latha Samhna.’S beag an t-iongnadh, ma-tha, gur h-e fuarag am biadh sònraichte a fhuaireadh na daoine air Oidhche Shamhna, nan robh an t-uachdar car gann tro na mìosan as dèidh na Samhna. Chòrdadh e ris na daoine sin ithe ann am mias gus an gabhadh iad balgam le fainne, sgillinn neo meuran ann. Bheireadh am balgam sin deagh fhortan don dearbh dhuine a ghabh e. ’S e dòigh ainmeil ach neo-àbhaisteach a bh’ ann fuarag a dhèanamh ann an sàil ur bròige. Seo rinn iomadach gaisgeach ann an diofar sgeulachdan mun do ghabh iad pàirt ann an diofar bhlàir nar n-eachdraidh. Faodaidh sibh tuilleadh a leughadh mun sgeòil mar a chaidh a lorg ann an Carmina Gadelica.Agus seo an abairt as ainmeile a dh’ aithris an laoch, a-rèir sgoilear:
“Is math an còcaire an t-acras,
Is mairg a dhèanadh tàire air a’ bhiadh,
Fuarag eòrna à sàile mo bhròige,
Am biadh na b’ fheàrr a fhuair mi riamh.”
Chì sibh anns a’ Chorpas beannachd Samhna, a dh’aithris na daoine airson dìon a thoirt don chrodh. Choisicheadh bean an taighe agus fear an taighe timcheall a’ bhuaile, a’ giùlain poit is teine na bhroinn. Ma tha sibh a’ lorg rann airson na Samhna a chomharrachadh, dh’fhaodte gum bu mhath leibh an t-òran seo a chleachdadh.
Ma bhios cleachdaidhean Shamhna agaibh fhèin, bu toigh leinn chluinntinn bhuaibh. Nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìseal, neo air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo