Gàidhlig / English
Mac-Talla: Cogadh Eorpach

Mac-Talla: Cogadh Eorpach

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 3 An Damhair 2016
Bha grunnan de na pìosan naidheachd ann am Mac-Talla rudeigin gòrach, agus bhiodh uaireannan fàidheadaireachd neònach aca mu dheidhinn rudan a bha iad a’ smaoineachadh a thachradh. Ach uaireannan eile bha iad an dùil air rudan tòrr nas reusanta, agus ag ràdh rudan nach canadh pàipearan eile gu tric. Seo Mac-Talla ann an 1892 ag ràdh gu bheil cogadh mòr uabhasachd Eòrpach a’ tighinn uaireigin a dh’aithghearr, cogadh a sgaoileadh tron saoghal:
 
Tha rioghachdan na Roinn-Eorpa gle an-earbsach as a cheile. Tha eagal air an darna rioghachd gu’n tig an rioghachd eil’ oirre gun fhios. Tha’n Fhraing a feitheamh ri cothrom math fhaotainn gu dioghaltas a dheanamh air a Ghearmailt air son cogadh 1870-71 ged is i fhein a thoisich an cogadh sin. Tha ’Ghearmailt ag ullachadh air son na Frainge. Tha Russia ’feuchainn ri cothrom fhaighinn air an Tuirc, agus mar sin sios. Tha iad uile air an lan armachadh agus a feitheamh ris a cheud bhuille. Tha e cho docha nach bi cogadh ann gu ceann aireamh bhliadhnaichean fhathast, ach tha e tighinn, agus bi’dh e na chogadh eagallach. Cha’n eil teagamh nach biodh spog aig Breatuinn ann mu’m biodh e seachad, agus aig rioghachdan eile mar an ceudna. Tha Breatuinn na h-aonair a gabhail a ghnothuich air a socair ’sa feuchainn ri cuisean a cheartachadh aig an tigh.
 
Cha tàinig cogadh den leithid airson còrr air fichead bliadhna eile ach bha an t-suidheachadh ann airson a’ chogadh cho tràth ri sin. B’e an aon rud fìor cheàrr anns an fhàidheadaireachd aca gun robh iad a’ smaoineachadh nach biodh Breatainn an sàs ann a bhith a’ brosnachadh a’ chogadh!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo