- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Mulcaire/mulgaire
Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 6 An Damhair 2016
’S e facal eile ceangailte ri beathaichean a tha ann am facal na seachdaine – mulcaire no mulgaire. ’S ann às na Hearadh a tha am facal a’ tighinn agus a rèir An Fhaclair Bhig tha e a’ ciallachadh ‘fulmar’, seòrsa eun mara. A bharrachd air seo, thèid a ràdh ann am Faclan bhon t-Sluagh gu bheil giùlan sònraichte aig mulcaire no mulgaire: ’s e eun caran fiadhaich a tha seo a bhios a’ cur dragh air eòin eile. Mar sin, faodaidh gur e seo a tha air chùl na cèill eile a tha aig an fhacal – a rèir Faclan bhon t-Sluagh, tha mulcaire no mulgaire cuideachd air a chleachdadh airson duine mì-mhodhail a dh’fhaodadh a bhith coma co-dhiù mu dhaoine eile.
Gu h-annasach, tha smulcaire a’ nochdadh ann am faclair Gàidhlig na h-Èireann Teanglann mar facal airson “snooty, sulky person” agus tha smulc cuideachd ri fhaighinn anns an Fhaclair Bheag leis a’ chiall “surly look”. Mar sin, dh’fhaodar beachdachadh gu bheil ceangal eadar smulcaire/smulc agus mulcaire agus tha e coltach gur e am facal airson a’ ghiùlain (smulc) a tha air chùl ainm an eòin seo.
Tha e gu math bitheanta a bhith a’ cleachdadh fhaclan ceangailte ri giùlan an dà chuid airson daoine agus mar ainmean airson beathaichean agus chan urrainnear a bhith cinnteach cò dhiubh a thàinig an toiseach. Tha caileaba – facal à Griomasaigh, Uibhist a Tuath, a tha air a chleachdadh airson each fiadhaich agus cuideachd airson daoine coltach ri sin – na h-eisimpleir eile air seo.
Ma tha sibh eòlach air mulcaire/mulgaire no facal eile a tha air a chleachdadh an dà chuid airson daoine agus beathaichean, nach leig sibh fios thugainn gu h-ìosal no air ar duilleagan Facebook no Twitter?
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo