Gàidhlig / English
Gille-mirean

Gille-mirean

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 29mh den t-Sultain
Tha am facal ‘gille-mirean’ cumanta ann an dual-chainntean ann an Siorramachd Rois, Àrainn agus an Eilean Sgitheanach.’S e ‘spinning-top’ as ciall dha ‘gille-mirean’ anns na h-àiteachan ud, agus ’s e cire-mirean a th’ ann an Cille Mhoire, cuidheachd anns an Eilean Sgitheanach. Dh’àithneachadh muinntir sgire Àrnol, ann an Eilean Leòdhais a’ ghille-mirean mar dhuine sprogail, roiligeach, iullagach.
 
Ma sheallas sibh, ge-tà, air ciall an abairt ann an Siorramachd Rois. Theireadh na daoine sin: “tha thu na do ghille-mirean aige.” Tha sin a’ ciallachadh gu bheil sibh air brath a ghabhail air an duine/ tè sin agus nì iad gach rud a dh’iarras sibh orra dhèanamh.

’S e clout sgùraidh a theirte ris anns na Hearadh. ’S e pliobair a theirte ris ann am Breacais, anns an Eilean Sgitheanach; agus ’s e gille-plibire a th’ aig na daoine air ann an Uibhist a Tuath.’ S e lungaidh a th’ aca air ‘dogsbody’ ann an Uibhist a Deas. Mura faigh sibh an dearbh rud a bha sibh ag iarraidh bhon duine sin, theireadh sibh, “cha socair sam bith sin dhomh!”

Tha e coltach, ma-tha, gun gabhadh òrduighean a thoirt air, co-dhiù, duine air choreigin ann an gach sgìre ann an Alba! Cuimhnichibh ur beachdan a thoirt dhuinn gu h-ìseal, neo air a’ dhuilleig Facebook air neo Twitter.

 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo