Gàidhlig / English
Spliùch / Raspars

Spliùch / Raspars

Air a sgrìobhadh le Abi air Diardaoin 15 An t-Sultain

’S ann à Eilean Leòdhais a thàinig na faclan a th’againn an t-seachdain-sa, spliùch agus raspars. Ma tha cuideigin làn spliùch, làn raspars no spliùchail tha sin a’ ciallachadh gu bheil iad bragail no bòstail. Bha am facal raspars ga chleachdadh ann an Cinn Tìre mu 1976 airson ‘overbearing behaviour’ agus ann an Uibhist a Deas airson ‘boisterous behaviour.’ Bha bhiodh e a’ gealbhanaichga chleachdadh ann an Nis, Eilean Leòdhais, airson cuideigin a tha mòr às a fhèin:

“Bhiodh e a’ gealabhanaich [sic].” Note: used of a fireside hero, person who boasts but never does anything worthy of it. (also gives opposite - duine leathadach - someone bashful/self-conscious).

Tha iomadh faclan airson cuideigin a tha mòr às a fhèin anns an fhaclair aig Dwelly, mar eisimpleir, bomanach, borrachas agus feirmeal. Tha am facal feirmeal a’ ciallachadh ‘boasting, prating’ agus ‘vain talk.’ Tha ràiteachas a’ ciallachadh caochladh de dhiofar rudan:

‘Boasting, vainglory, ostentation, pride, arrogance, bluster... Saying, speech... Competition, contest, emulation... Lie, report, idle surmise.’

Tha e soilleir gu bheil diofar fhaclan agus abairtean air feadh na h-Alba airson spliùch no raspars agus chan eil am blog seo ach toiseach tòiseachaidh. Ma tha faclan eile agaibh-se, bhiodh ùidh againn a chluinntinn bhuaibh. Faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean agus tha duilleag againn air Facebook neo air Twitter.
 

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo