Gàidhlig / English
Mac-Talla: K. D. C. Pills

Mac-Talla: K. D. C. Pills

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 12 An t-Sultain 2016
Tha sanasachd air feadh Mac-Talla, air a h-uile duilleag den phàipear, agus glè thric tha na sanasan airson rudan fìor neònach. Anns an naoidheamh linn deug bha fasan ann airson cungaidhean ‘patent’, stuthan le ainmean neònach a bha ag ràdh gun leighiseadh iad a h-uile seòrsa tinneas. Bha a h-uile gin de na leighisean sin mealltach, agus chaidh an dèanamh mì-laghal aig toiseach an fhicheadamh linn, ach mus do thachair sin, bha iad air an cleachdadh le mìltean agus air an sanasachd anns a h-uile àite. Ann am Mac-Talla, bha na sanasan mar as tric a’ nochdadh ann an Gàidhlig, ach tha e soilleir gun robh iad air an eadar-theangachadh bho Beurla, gu h-àraidh ann an ainmean nan daoine ficseanail a’ cuir an ‘teisteanas’ don phàipear:
 
Faisg air
 
da bhliadhna air ais, sgriobh an t-Urr. Job Roadhouse á Seeley’s Bay, Ont., ’g ar n-ionnsuidh – Ceadaichibh dhomh innse dhuibh cho measail ’sa tha mi air K. D. C. Bha mo stamag cho dona ’s gu robh i deanamh coirce do m’ amhaich, air uairibh bhiodh eagal orm gu’n caillinn mo ghuth, ach thug K. D. C. a leithid a dh’ fhaodh’chadh dhomh, ’s gu bheil mi creidsinn gur h-e leigheas stamaig a’s fhearr a dh’ fheuch mi riamh.
 
A RITHIST sgriobh air Maigh 25, 1896, mar a leanas – “Cha chuala mi neach sam bith a dh’ fheuch K. D. C. ag radh dad ’na aghaidh, ach tha gach aon ’ga mholadh mar leigheas math. Tha e ’ga mholadh fhein ’s gach àite ’n e.”
 
Cha toir tim smal air a chliù, agus gun teagamh ’s e ’n leigheas air cion-cnàmhaidh a’s fhearr a gheibhear an Canada. Tha K. D. C. Pills mar án ceudna anabarrach math air son a chuim.
 
Sampuill a nasguidh.
 
Tha e duilich a chreidsinn gum biodh Gàidhlig sam bith aig ‘Job Roadhouse’, neo gun sgrìobhadh e gu pàipear-naidheachd Ghàidhlig ann an Albainn Nuadh airson innse dhaibh an leithid a rud. An dùil an do chreid duine e ag an àm?
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo