Gàidhlig / English
Sgiansgarach

Sgiansgarach

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 22 an t-Sultain 2016

’S e sgiansgarach am buadhair a chleachdadh neach-labhairt à Uibhist a Deas air each a ghabhadh eagal agus a bhiodh a’ feuchainn ri teicheadh, is e a’ tarraing a’ chruinn. ’S ann bhon ainmear sgiansar a tha sgiansgarach a’ tighinn, a tha a’ ciallachadh ‘clisgeadh’, agus tha freumhan an fhacail siud anns an ainmear Seann Èireannach scén, aig a bheil an aon chiall. Tha an aon fhreumh aig an ainmear sgèan no sgeun, agus am buadhair sgeunach no sgianach, a chuirear cuideachd air beathaichean clisgeach.

Tha buadhair coitcheann eile aig a bheil freumhan anns an fhacal scén cuideachd: sgaoimeil, a tha a’ tighinn bhon ainmear sgaoim. ’S e sgaoimean a bh’ aig neach-labhairt eile à Uibhist a Deas air each nach robh airson crann no cairt a tharraing, agus tha an t-ainmear sgaoimear aig Dwelly, a chanadh ri gealtair no duine meata, a tha ceangailte ris a’ bhuadhair sgaoimeach.

Chaidh co-fhaclan eile a chruinneachadh, nam measg gioragach agus sgiùramach, a chaidh a thoirt seachad le luchd-labhairt à Uibhist a Deas agus a Tuath. ’S ann bhon ainmear giorag a tha am facal gioragach a’ tighinn, agus tha sgiùramach ceangailte ris a’ ghnìomhair sgiùr, a tha a’ tighinn bhon fhacal Bheurla ‘scourge’. Anns an t-seagh seo, tha e a’ ciallachadh ‘cuir eagal air’ no ‘sgaoil’, mar a dhèanadh each clisgeach.

Ma tha sibh eòlach air faclan eile coltach ri sgiansgarach, nach fàg sibh beachd fo na blogaichean, no air na duilleagan Facebook / Twitter againn.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo