Gàidhlig / English
Mac-Talla: Cànan Shiorruidheachd

Mac-Talla: Cànan Shiorruidheachd

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 22 An Lùnasdal 2016
Chan e a mhàin naidheachdan a bha a’ nochdadh ann am Mac-Talla; bha tric altan aca air a h-uile seòrsa cuspair, gu h-àraidh rudan eachdraidheil. Bha feadhainn de na h-altan sin air an sgrìobhadh gu math agus a’ dèanamh oidhirp air a bhith mionaideach agus neo-mhearachdach le fiosrachadh, ach bho àm gu àm bhiodh rudan anns a’ phàipear a bha gu tur ceàrr. Bhiodh an seòrsa artaigeil seo air a chuir ann an clò mar gun robh a h-uile facal dheth fìor, ach cha b’e sin a’ chùis idir. Mar eisimpleir am fear seo bho 1898, a tha deimhinnte gur e Gàidhlig ‘cànan shiorruidheachd’ agus gu bheil a h-uile facal agus cànan anns a’ Bhioball agus an Ear Mheadhanach air fad a’ tighinn bho Gàidhlig:
 
Suim is brigh nam briathran bha bho shiorruidheachd ’sa Ghàilig. Mur cainnt shiorruidh a Ghàilig tha i gle choltach ri cainnt na siorruidheachd. Tha da ni shònruichte a tha ’ga deanamh cosmhuil ri sin, agus is iad so iad — Mana,” agus Mene, mene, tecel, upharsin.”
 
B’e Mana coirc’ nan speur, no biadh nan Aingeal, mar a tha Righ Israeil ag innse dhuinn. Co e an Gaidheal do nach aithne suim is brigh an fhocail Mana, samhladh an arain fhior a bha gu teachd; tha am focal Mana air a chleachdadh co tric ’sa Ghàilig is nach eil aobhar air a bhi sgriobhadh gu a dhearbhadh gur ann bho’n chainnt shiorruidh a b’ eigin do na h-Israeilich am focal a ghabhail an iasad. A rithist me-ne — neo-mheigheach, no neo chothromach; tecel — tha e cleith a chuideam a bu chòir da bhi ann — chunnaic e mar a thachair do ’athair ’s cha d’ thug sin rabhadh dha, ach cheil e ’n cuideam; u-far-sin no tha thu air t-òrdachadh far na cathair rioghail air am bheil thu ’na do shuidhe. Is e mo bharail gu bheil e soilleir gu leor gur e Gàilig a sgriobh an làmh aia a bhalla. Cha b’e Eabhra no Gréugaisg no Caldeeic no Arabic no meanglan air bith de chainnt sliochd Sheim no Ham a bha ’n sid; na ’m b’e bha foghlumaichean gu leòr an sud gus a leughadh, ach b’ eigin aon anns an robh spiorad an De shiorruidh fhaigheil gus a mhìneachadh.
 
Tha an artaigeil a’ dol air adhart agus ag ràdh gu bheil facail mar ‘Ierusalem’ a’ tighinn bho ‘Iar o Shalem’ agus gu bheil fiù’s ainm an Nile a’ tighinn à Gàidhlig, a thuilleadh air facail mar ‘Teutonic’ agus ‘Slavonic’ agus an cànan Sanskrit slàn. Ged a chanas daoine fhathast gur e ‘Cànan Eden’ a th’ann ’s a’ Ghàidhlig mar fealla-dhà, chan eil mi smaoineachadh gu bheil mòran a dhèanadh argamaid gu bheil càil dhan a sin fìor!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo