Gàidhlig / English
Uspag Fhionnlaigh

Uspag Fhionnlaigh

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 18 an Lùnastal 2016

A rèir beul-aithris, bha Fionnlagh na cheannard air na sìthichean, agus chuirear an t-ainm muinntir Fhionnlaigh air na sìthichean, a bhiodh a’ siubhal tron èadhar air ioma-ghaoth. Mar sin, chanadh uspag Fhionnlaigh ri uspag a nochdadh gu h-obann is gun fhiosda air latha ciùin as t-samhradh. Tha am facal uspag, no ospag bunaichte anns a’ ghnìomhair osp, a tha na co-fhacal air osnaich.

Anns an aon dòigh, fhuair am baile beag Baca Fhionnlaigh ann an Tiriodh ainm air sgàth ’s gun robhar a’ creidsinn gun robh sìthichean air a bhith a’ fuireach ann an oitir-ghainmhich a bha faisg air.

Tha abairt eile ann an Carmina Gadelica aig a bheil an aon tùs ann am beul-aithris – oiteag sluaigh. Anns an t-seagh seo, ’s e co-chruinneachadh sìthichean a th’ ann an sluagh.

A-rèir a’ mhòr-chuid de na luchd-labhairt ann am Faclan bhon t-Sluagh, tha oiteag nas aotruime na ospag agus cha mhaireadh e cho fada. Chaidh na co-fhaclan plathag, a tha bunaichte anns a’ ghnìomhair plath, agus suabag, on bhuadhair suabh, a thoirt seachad cuideachd.

An cuala sibhse mu dheidhinn Uspag Fhionnlaigh? Bhiodh e inntinneach sgeulachdan eile a chluinntinn tro na duilleagan Facebook no Twitter againn, no air an duilleag seo.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo