Gàidhlig / English
Striochdag

Striochdag

Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 25mh Lùnasdal
Air an t-seachdain-sa, tha mi toilichte beagan fhaclan a thoirt dhuibh aig a bheil ceangal le eòin is na h-iteagan aca. ’S e striochdag facal na seachdaine, agus ’s e sreath de dh’iteagan dathte a tha seo air sgiath eòin. ’S ann ann an Scalpaigh na Hearadh a chaidh am facal seo a chlàradh. ’S e iteag maodhair a theirte ri iteag air earball farspaich ann an Ìle, a ghabhas a cleachdadh san iasgach. ’S e sgarbh topanach a th’ ann an sgarbh le iteag robach a’ stobadh suas bho cheann ann an Uibhist a Deas. ’S e sgaomaire a theirte ri ‘feather-brain’ ann an Loch Abar!

’S e cloimhteach a th’ anns na h-iteagan beaga maotha a chì sibh air iseanan. Chuala mi fhìn sgeulachd uamhraidh snog co-cheangailte ri cloimhteach, mu lach lochlannach, sgarbh agus faoileag.

Chuir a’ ghrian roimpe a’ chloimhteach a b’ fheàrr a thoirt don chiad eun a dhùisgeadh a’ chiad char sa mhadainn gus fàilte a chur oirre. Bha an sgarbh agus an fhaoileag air am bioran gus a’ chloimhteach seo fhaotainn bhuaipe agus chum iad a’ dol tron oidhche airson ’s nach cailleadh iad a’ ghrian nuair a dh’èireadh i. Dh’fhàs iad fada ro sgìth airson a bhith ag èiridh sa mhadainn. Chuir an lach lochlannach a ceann fo sgiath, fhuair i cadal sàmhach agus mar sin, bha i deiseil gus èiridh airson fàilte a chur air a’ ghrian. ’S ann mar sin a fhuair i a’ chloimhteach a b’ fheàrr a-mach às na h-eòin uile.

San dealachadh, bheir mi dhuibh tòimhseachain:
 
‘Coileach dubh ’s a’ bhail’ ud thall;
Ite dhubh is ite dhonn;
Dà ite dhearg am bàrr a sgeith;
’S còrr is trì fichead ’na dhriom.’
 
Gheibh sibh an fhuasgladh an seo:
 
Mar a chì sibh, chan eil ciall an fhacail ite mar a bhiodh sibh ’n dùil.

Cuimhnichibh ur beachdan a thoirt dhuinn gu h-ìseal.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo