Gàidhlig / English
Mac-Talla: Stailc Ann Am Pennsylvania

Mac-Talla: Stailc Ann Am Pennsylvania

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 15 An Lùnasdal 2016
Tha Mac-Talla làn naidheachdan de gach seòrsa, agus ged nach eil iad ag innse na naidheachdan anns an aon dòigh ri na pàipearan mòra (fiù’s na pàipearan mòra bhon aon àm), tha e tric inntinneach a bhith a’ leughadh beachdan seann Ghàidheil air an t-saoghal anns an robh iad beò. Am measg pìosan naidheachd ag innse, mar eisimpleir, mu mhathain a’ marbhadh caoraich ann an Ceap Breatainn, chì sinn cuideachd pìosan mar seo, ag innse mu stailc mòr ann am Pennsylvania ann an 1897 (ged nach robh facal aca airson ‘stailc’ aig an àm):
 
Tha moran de na mèinneadairean a bha diùltadh obrachadh ann an Pennsylvania air a dhol air ais gu’n obair, ach tha àireamh mhiltean dhiubh a’ seasamh a mach fhathast. Chaidh duin’ air fhichead a mharbhadh o chionn da sheachdain air ais le buidheann de mhaoir a bha cumail rian orra. Thug an siorram òrdugh eigin do na mèinneadairean nach do thuig iad (cha tuigeadh a mhor chuid dhiubh Beurla) agus o nach d’ rinn iad a reir òrduigh-san, dh’iarr e air na maoir a bha comhla ris losgadh orra; rinn iad-san sin, agus chaidh duin air fhichead a mharbhadh. Tha sin an deigh fearg agus gamhlas mor a dhùsgadh am measg cuid de na méinneadairean, agus cha b’iongantach ged a bhiodh e gu math doirbh an toirt gu còrdadh.
 
Faodaidh barrachd a leughadh mu dheidhinn an stailc agus mar a chaidh cùisean an seo. Bha Mac-Talla ceart mu dheidhinn a’ chuid as motha dheth, ged nach eil an stoidhle aca gnàthach neo coltach ri pàipearan-naidheachd eile!
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo