Gàidhlig / English
Bainne Gamhnaich

Bainne Gamhnaich

Air a sgrìobhadh le Abi air 11 An Lùnastal 2016

’S ann à Taigh a’ Ghearraidh ann an Uibhist a Tuath a thàinig an abairt seo, bainne gamhnaich, a’ ciallachadh deòch a tha ga dhèanamh le bainne agus min-choirce. Bha an deoch seo ga chleachdadh airson neart fhaighinn sna daoine òga, ach feumaidh tu an deoch a dhèanamh le bainne bho bò bhainne dhubh gun laogh, agus le min-choirce a tha tighinn bho taobh tuath an achaidh. Tha an abairt bainne gamhnaich anns am fhaclair mhòr Dwelly a’ ciallachadh ‘the yearling's milk’ ach cuideachd ‘Red rattle, {lousewort} (pedicularis sylvatica) in the Highlands’ agus ‘honeysuckle in Ireland (lonicera periclymenum).

Tha diofar fhaclan agus abairtean air feadh na h-Alba air bainne gamhnaich agus tha cuid mhòr dhen fhaclan a’ nochdadh air an làrach-lìn againn aig DASG. Chaidh am facal fuarag a chruinneachadh ann an Cill Fhinn, Siorrachd Pheairt, a’ ciallachadh ‘sour cream (half churned) and oatmeal’ agus bha ullag ga chruinneachadh san Eilean Sgitheanach son ‘thick cream with oatmeal. Also as “ollag” in Sutherland’. ’S ann à Eilean Leòdhais a thàinig deoch bhàn, a’ ciallachadh ‘oatmeal drink to quench thirst’.

Cha creid mi gum biodh bainne gamhnaich blasda idir, ach ’s cinnteach gun robh e gu math feumail airson neart fhaighinn nuair a bha daoine a mach ag obair a-muigh. Tha abairt ainmeil ann mu dhèidhinn cuideachd:

“Is math an còcaire an t-acras,
Is mairg a dhèanadh tàire air a’ bhiadh,
Fuarag eòrna à sàile mo bhròige,
Am biadh na b’ fheàrr a fhuair mi riamh.”
 

Tha barrachd fiosrachadh mu dheidhinn na h-abairt seo aig Alan J. Bruford agus Donald A. MacDonald (eds.), Scottish Traditional Tales (Edinburgh: Polygon, 1994), pp. 422–24.
 
An do dh’fheuch sibh riamh bainne gamhnaich no a bheil dòigh sam bith eile agaibh airson a dhèanamh? Ma tha, bhiodh ùidh againn a chluinntinn bhuaibh. Faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean no air Facebook no Twitter (@DASG_Glaschu).
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo