Gàidhlig / English
Coileach-gaoithe

Coileach-gaoithe

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 1 an t-Sultain 2016

Mar as trice, ’s e ionnstramaid airson àird na gaoithe a mheasadh a th’ ann an coileach-gaoithe. Chaidh an aon ainm a chur air dèideag le luchd-labhairt à Tiriodh agus Leòdhas ged-thà: buntàta anns am biodh itean air an stobadh, leis an cluichear air latha gaothach, coltach ri gleican no dòtaman. Chaidh na tionndaidhean goileach-gaoithe agus coileach-gòthan a chruinneachadh cuideachd.

’S e gobhlan-gaoithe an t-ainm a bh’ aig neach-labhairt à Uibhist a Deas air an dèideig seo – ainm a bhiodh na bu chumanta air eun. Tha am facal gobhlan air a chleachdadh ann am measgachadh de dh’ainmearan-fillte, is iad ainmean air eòin air a bheil earbaill ghobhlaich, nam measg gobhlan-taighe agus gobhlan-dubh.

Anns an t-seagh seo, tha coileach an dà chuid a’ ciallachadh luasgan, mar a chìthear ann an uisge, no cop geal air barr nan tonn. Bha an abairt tha i a’ gabhail coilich aig neach-labhairt à Earabol, Cataibh, is e a’ bruidhinn air a’ chop a nochdadh air a’ mhuir air latha gaoitheach. Anns na Hearadh, chaidh am facal coileach a chlàradh, a’ ciallachadh ‘cop à proipeilear’, agus chaidh an abairt nighe do lèine ann an coileach an uillt a chlàradh ann an Leòdhas.

An do chluich sibh le coileach-gaoithe / gobhlan-gaoithe no dèideag coltach riutha? Leig fios thugainn air an duilleag seo, no air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo