Gàidhlig / English
Mac-Talla: Camanachd ann an Lunnainn

Mac-Talla: Camanachd ann an Lunnainn

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 8 An Lùnasdal 2016
Chaidh Gàidheil air feadh an t-saoghal anns na trì linntean mu dheireadh, agus far an deach iad air eilthireachd thug iad an cànan agus an cultar leotha. ’S ann mar sin a tha pàipear-naidheachd Gàidhlig à Canada againn, Mac-Talla, agus ann an duilleagan a’ phàipear lorgaidh sinn iomadh sealladh eile air mar a sgaoil cultar nan Gàidheal anns a h-uile àite a nochd iad. Anns an alt seo bho 1893, tha fear ann an Lunnainn leis am far-ainm ‘Cabar-Feidh’ a’ cur fios mu dheidhinn Gàidheil a’ bhaile mòr ud a’ cluich an t-seann spòrs Gàidhealach, camanachd, agus a’ cur cèilidh mòr air a dhòigh às dèidh làimh:
 
CAMANACHD ANN AN LUNNUINN.
 
Co-cheangailte ris an ath-bheothachadh tha tighinn air gach ni Gaidhealach, tha na h-uile coltas air seann chluich na Camanachd gu’m bi e air aisigeadh gus a chiad aite am measg nan cluichean Gaidhealach, agus is ann a tha e na ni iongantach gu’n do chaill e riamh an t-aite sin, oir cha’n aithne dhomh fhein cluich sam bith eile ’tha cho freagarrach airson gach ball de’n chorp a chuir an cleachdadh. Tha obair gu leoir ann airson na lamh, na coise, na bodhaig, agus na sula, agus cha’n e fear a tha cearbach ann an aon diubh sud a ruigeas a leas a bhi ’n duil gu’n d’ thoir e barrachd anns a chluich so. Bha la mor againn deth anns a bhaile so air Di-haoine ’s a chaidh, nuair a bha Comhstri chairdeil ann eadar da’ Chomunn: - “Comunn Camanachd Siorramachdan an Taobh Tuath ann an Luinnuinn” (air an d’thug mi iomradh ghoirid o chionn beagan sheachduinean agus “Comunn Camanachd nan Albannach Lunnuinneach.” Cha robh an comunn mu dheireadh a dh’ainmich mi ach air a steidheachadh o chionn ghoirid agus mar sin bi so a chiad chomhstri de’n t-seorsa a chunncas riamh an Lunnuinn. Bha coig daoine diag a cluich air gach taobh agus lean iad air an t-strith fad uair gu leth.
 
Cha robh iad fada cluich nuair a bha e ri fhaicinn gu’n robh chuid a b’fhear de’n la gu bhi aig an t-seann chomunn. Ged nach robh coltas orra bhi na’n daoine cho trom, laidir, riu-san a bha cluich na’n aghaidh gidheadh bha iad cho smiorail, luath, agus cho math air a chneac a bhualadh an dara fear gus an fhear eile, ’s nach mor gu’n d’thug iad cothrom idir do na fir eile air faighinn faisg air puist an taghail. Bha chuid a b’fhearr aca de’n chluich fad na h-uine agus nuair a bha ’n fheadag air a seideadh aig am sguir bha iad air a chneac a chuir eadar na puist coig uairean gun an fheadhainn eile leithid ceudna dhianamh idir. Bha mar so a bhuaidh aig Comunn an Taobh Tuath le coig taghaill. Chruinnich aireamh mhor sluaigh a dh’fhaicinn na comh-stri agus cha bu duilich aithneachadh gu’m bu Ghaidheil a mhor-chuid diubh, oir chluinneadh neach iad air gach taobh a cuir failte air a cheile anns an t-seann chainnt no ag eigheachd ri cluicheadair araidh “Buail i bhalaich, ’s math a gheibhear thu” no facail eile de’n leithid sin. Bha seachdnar phiobairean air an raon agus nuair a bha chluich thiris sheid iad so suas agus threoraich iad an sluagh gu talla mhor far an robh diothad air a h-ullachadh, agus an sin chaidh oidhche chridheil a chuir seachad le dannsadh Gaidhealach agus orain Ghaidhlig. Bha gach ni air a dheanamh gu siobhalta, lan-thoilichte le obair an la.
 
Gu ma fada beo seann chleachdaidhean ar n’athraichean.
 
CABAR-FEIDH.
 
Lunnuinn April 4mh 1893.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo