Gàidhlig / English
Boillsgeil

Boillsgeil

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 4 an Lùnastal 2016

Fiù ’s an teis-meadhan an t-Samhraidh, bidh leughadairean ann an Alba gu math eòlach air cuspair na seachdain-sa: frasan.

Chaidh am buadhair boillsgeil a chleachdadh le neach-labhairt às an Allt Beithe, Siorrachd Rois, airson iomradh a thoirt air latha frasach, nuair a bhiodh greisean grèine eadar frasan sgapte. Tha an gnìomhair boillsg bunaichte anns a’ ghnìomhair Laidinn fulgeo, ‘deàlrachadh’.

’S e sian-grèinidh a chanadh neach-labhairt eile à Arnol, Leòdhas, ri fras bhlàth a thuiteadh fhad ’s a tha a’ ghrian a’ deàrrsadh aig a’ cheart àm, agus chaidh an co-fhacal braon a chlàradh ann am Port Sgioba, Ìle, a’ ciallachadh gu sònraichte fras bhlàth san t-samhradh. Tha am facal braon bunaichte anns an fhacal Seann Ghàidhlig bráen, ‘fras’.

Bha am facal sgàth-fhras aig iomadh neach-labhairt, a’ ciallachadh fras nach maireadh fada.

Ma tha sibhse eòlach air faclan eile ceangailte ri frasan an t-samhraidh, nach leig sibh fios thugainn gu h-ìosal, neo air na duilleagan Facebook no Twitter againn.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo