Gàidhlig / English
Mac-Talla: Sanas Bathar

Mac-Talla: Sanas Bathar

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diluain 1 An Lùnasdal 2016
Mar a’ chuid as motha de phàipearan-naidheachd, tha tòrr shanasan anns gach iris de Mhac-Talla, agus tha iad a’ sanasachd a h-uile seòrsa bathar agus goireas agus seirbhis. Tha feadhainn dhiubh glè choltach ri sanasan a chitheadh sinn anns an là an diugh, a thuilleadh air cànan beagan seann-fhasanta annta, ach tha feadhainn eile fìor eadar-dhealaichte agus a’ toirt sealladh dhuinn air mar a bha beathannan dhaoine o chionn còir is linn air ais. Tha an sanas seo bho 1892, mar eisimpleir, a’ sealltainn dhuinn mar a bha bailtean ann an Ceap Breatainn ann Canada cho eisimeileach air bàtaichean a’ toirt bathar thuca anns na làithean mus robh margaidean-mòra anns gach àite:

Chuir an Soitheach-smuid “Harlaw” air tir gu
 
COINNEACH R. MAC COINNICH,
 
SIDNI TUATH, C. B.
 
150 baraile Siucair,
250     “      Fluir,
100     “      Min Choirce,
10       “      Molasses,
100 bocsa Tombaca.
200 ciste Ti a Lunnain.
 
Feol air a spiosradh, agus moran de sheorsaichean eile nach gabh ainmeachadh an so. Faiceadh gach neach air a shon fein.
 
Tha e neònach dhuinn a bhith a’ smaoineachadh mu dheidhinn saoghal far am feum sinn feitheamh airson soitheach-smùid a’ toirt biadh agus rudan eile thugainn, agus a bhith a’ cuimhneachadh nach eil aca ach àireamh sònraichte de bharailean de gach rud, ach b’e sin mar a bha aig daoine anns na h-àiteachan seo a bhith beò.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo