Gàidhlig / English
Aonragaich/aonagraich

Aonragaich/aonagraich

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 28 an t-Iuchar 2016

’S e aonragaich no aonagraich facal na seachdaine. A rèir Faclan bhon t-Sluagh, chaidh am facal a chruinneachadh anns a’ chruth aonragaich ann an Uibhist a Deas, far a bheil e a’ toirt iomradh air each a’ tionndadh air a dhruim gus sin a sgròbadh. Tha e coltach, ge-tà, gu bheil an cruth aonagraich nas bitheanta – chaidh a chlàradh ann an Uibhist a Tuath agus Eilean Leòdhais (an seo cuideachd anns a’ chruth faonagraich), a’ ciallachadh each no beathach eile a’ tionndadh air a dhruim san fharsaingeachd, m. e. each ga aonagraich fhèin.

Chan ann dìreach airson bheathaichean a tha am facal air a chleachdadh, ge-tà: anns an dàn ainmeil Calbharaigh (1943) le Somhairle MacGill-Eain, a tha a’ cur an cèill bochdainn ann am bailtean mòra na h-Alba tràth san fhicheadamh linn, tha am facal a’ nochdadh anns an loidhne mu dheireadh: “Far a bheil an naoidhean creuchdach / Ri aonagraich gu bhàs”, air eadar-theangachadh mar “Where the infant, all scabs and sores/Wallows ’til death.”

Mar a chithear, tha e coltach gu bheil am facal gu h-àraid ceangailte ri bhith a’ fulang ann an dòigh air choireigin nuair a tha e a’ nochdadh le iomradh air daoine: tha an cruth aoirneagan, cruth a chaidh a chruinneachadh ann an Siorrachd Inbhir Nis, a’ nochdadh ann an seantansan mar ag aoirneagan na fhuil (‘weltering in his blood’) anns an Fhaclair Bheag, agus tha eisimpleir am measg toraidhean Corpas DASG air a bheil cha robh Cailean ach ’ga aoirneagan fèin 'san leabaidh (Mac Cormaic, 1912) – a’ ciallachadh a’ tionndadh mun cuairt gun a bhith a’ faighinn cadail. A bharrachd air aoirneagan, tha iomadh cruth eile den fhacal ann, mar aonagail, aonagan agus aonagaich.

Ma tha eòlas sam bith eile agaibh air aonragaich / aonagraich / aoirneagan no cruth eile den fhacal inntinneach seo, nach cuir sibh fios thugainn fon bhlog seo no air Facebook no Twitter?
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo