Gàidhlig / English
Mac-Talla: J. W. Lawlor

Mac-Talla: J. W. Lawlor

Air a sgrìobhadh le Andrew air Diciadain 27mh an t-Iuchar 2016
Nuair a sheallas sinn ri seann phàipearan-naidheachd chì sinn a h-uile seòrsa dòigh anns a bheil iad a’ dèanamh rudan eadar-dhealaichte bho pàipearan-naidheachd an là an diugh. Tha sin a’ cheart cho fìor airson seann phàipearan Gàidhlig mar Mac-Talla, pàipear à Albainn Nuadh ann an Canada a bha ann an clò eadar mu 1892 agus 1904. B’e Mac-Talla aon de na pàipearan Gàidhlig as soirbheachail a bh’ann a riamh, agus chì sinn ann iomadach naidheachd, sgeulachd, litir, bàrdachd, agus sanas, ach bha na sgrìobhadairean agus luchd-deasachaidh ag ionnsachadh ciamar a dhèanamh iad pàipear-naidheachd mar a chaidh iad air adhart. Mar sin, tha tòrr de na sgeulachdan air an aithris ann an dòigh a shaoileadh sinne a bha neònach. Mar eisimpleir an aithris ghoirid seo bho 1892:
 
Tha Capt. J. W. Lawlor, Chelsea, Mass., a deanamh deiseil gu dhol thairis air an Atlantic ann am bata nach eil ach da through dheug a dh’fhad. Ma gheibh e null beo, bidh am bata ri fhaicinn aig Feil an t-Saoghail air an ath bhliadhna. Ach se’s docha nach bi’dh e fhein no’m bata ri fhaicinn.

Tha e duilich a chreidsinn gum biodh pàipear-naidheachd anns an la an diugh cho cruaidh-chridheach, co-dhiù cho soilleir agus follaiseach!

Bidh sibh toilichte a chluinntinn gun do ràinig Caiptein Lawlor an Spàinn gu sàbhailt as dèidh 84 là air a’ chuan, a dh’aindeoin cho diùmbach agus cruaidh-chridheach ’s a bha Mac-Talla.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo