- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Ceann-snaoidh
Ceann-snaoidh
A bheil duine sam bith anns an teaghlach agaibh gu sònraichte ullaichte a thaobh deasachadh na Nollaige? Ma tha, dh’ fhaodadh sibh ‘ceann-snaoidh’ a chur orra. Seo facal airson cuideigin a tha os cionn na buidhne aighearaich nuair a chruinnicheas iad airson na Nollaig a chomharrachadh còmhla. Bhiodh an ceann-snaoidh gan treòrachadh tro laoidhean na Nollaige cuideachd.
Ach ’ s e ‘ceann-snaoidh’ neo ‘ceann-snaoth’ a chanadh na Gàidheil airson rìgh gach beathach, agus gu dearbh tha rìgh aig gach seòrsa beathach fo’n ghrèine! ’S e bradan rìgh nan iasg, neo ‘ceann- snaoth nan iasg’; tha ‘ceann-snaoth nan nì’, agus ‘ceann-snaoth nam fiadh’ ann cuideachd.
Ann an Uibhist a Deas, bha baile ris an canadh iad ‘Snaothaisbhal’ (neo Snaoiseabhal) air an Abhainn Hogha. Uaireannan, bhiodh an abhainn làn de bhradain, a chruinneachadh faisg air bruach na h-aibhne far an robh an t-uisge eu-domhainn. Chìtheadh aig na h-àmannan seo gu robh na bradain eile a’ leantainn air a’ cheann-snaoth, g e b’ e dè an doigh anns am biodh e a’ gluasad. ’S e seo an ciall a tha air culaibh ainm a’ bhaile (Alasdair MacGilleMhìcheil, Carmina Gadelica, Volume II.p332.)
Nan cuala sibh riamh an abairt seo, neo ma tha sibh eòlach air ceann-snaoidh beathach sam bith eile, nach cuir sibh fios thugainn air TWITTER, neo air facebook
Faicibh an-seo gus suil a thoirt air an earann anns an Carmina Gadelica
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo