- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Caise Calluinn
Ma tha sibh an dùil tòrr chàise ithe aig àm na Nollaige tha facal na seachdain, ‘caise Calluinn’, gu math iomchaidh oirbh!
’S e càise sònraichte a th’ ann an ‘caise Calluinn’ a bhiteadh a’ dèanamh aig àm na Nollaige.
Ghabhar sliseag dhen chaise seo, agus nan deach a ghrèidheadh is gun robh toll anns an t-sliseag, bhathar ag ràdh gun robh feartan sònraichte aig an t-sliseag chàise seo, ris an canar ‘laomacha’.
A-rèir an leabhair ‘Witchcraft & Second Sight in the Highlands & Islands of Scotland: Tales and Traditions Collected’ leis an Urr. J. G. Campbell, nan robh thu air chall b’ urrainn dhut sùil a thoirt tron toll san ‘laomacha’, agus chitheadh tu far an robh thu.
Bhathar cuideachd ag ràdh nan gabhadh tu sùil tron laomacha sìos am ‘far-lus’ (toll ann am mullach an taighe a bhiodh aca sna seann làithean seach similear), gum faigheadh tu a-mach dè an t-ainm a bhiodh aig a’ bhean neo duine agad!
Chaidh na faclan ‘caise Calluinn’ agus ‘laomacha’ a chlàradh ann an Àird Mhèanais ann an Eilean Bharraigh ann an 1988.
A bheil sibh air na faclan ‘caise Calluinn’ no ‘laomacha’ a chluinntinn roimhe, no pìos dheth ithe? No an d’fhuair sibh lorg air leannan le pìos ‘laomacha’? Bhiodh ùidh mhòr againn a chluinntinn bhuaibh air Facebook no Twitter.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo