- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Tùirlingeadh
An t-seachdain seo, chan eil teagamh ann gu bheil an geamhradh air tighinn, ged a tha sinn air a bhith fortanach leis an t-sìde gu ruige seo. Is e facal na seachdain againn tùirlingeadh, a chaidh a chruinneachadh an Uibhist a Deas, leis a’ mhìneachadh ‘the winter drawing in.’
Ann an litreachas, thathar a’ cleachdadh an gnìomhair tùirling glè thric ann an seagh cràbhach – m.e:
“Gu tùirling Criosd o neamh ann deire an t-saoghail...” (ann an Eisempleir Shoilleir Ceasnnuighe air Leabhar Aith-ghear nan Ceist leis an Urr. Eoin Willison, 1799.)
no “Tha e ’tùirling air neul lasrach...” (ann an Leabhar nan Cnoc, deas. Tormod MacLeoid, 1834).
Chan eil eisimpleiran a’ nochdadh ann an litreachas den fhacal tùirlingeachd air a chleachdadh ann an dòigh ceangailte ris a’ gheamhradh, ach chìthear abairt coltach ri tùirlingeadh ann am faclair Dwelly:
“Thàinig daoineann a’ gheamhraidh”–‘the inclemency of winter has come’.
A bheil sibhse air am facal tùirlingeadh a chluinntinn no a chleachdadh is daoine a’ bruidhinn mun gheamhradh a’ tighinn? Ma tha, bhiodh ùidh mhòr againn a chluinntinn bhuaibh air Facebook no Twitter.
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo