- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Figheadair-fodair
					Air a sgrìobhadh le Abi  air 30mh An t-Òg-mhios 2016
					
				
				
				Tha mi an dòchas nach eil ‘pteronarcophobia’ (duine air a bheil eagal na beatha ro na cuileagan) aig leughadairean sam bith air sgàth ’s gu bheil mi a’ sgrìobhadh mun fhigheadairean-fodair no breabadairean. ’S ann à Srath Ghlais a tha an abairt figheadair-fodair a’ tighinn agus e a’ ciallachadh breabadair san sgìre ud, ach tha e a’ ciallachadh damhan-allaidh ann an Raineach.
Ann an Uibhist a Deas tha am facal breabadair ga chleachdadh airson na biastag ach cuideachd tha e a’ ciallachadh figheadair no cuideigin a tha a’ breabadh. Cuideachd, chaidh am facal a chleachdadh gus an nàire a chur air cuideigin. San Eilean Sgitheanach, chaidh an abairt tarbh chuileig a chruinneachadh agus ’s ann à Eilean Leòdhais a thàinig an abairt bodach-na-móintich.
Tha e soilleir gu bheil diofar fhaclan agus abairtean air feadh na h-Alba air an aon bhiastag bheag a tha air an ceangail ris na casan fada tana aige. Ma tha faclan eile agaibh-se, bhiodh ùidh againn a chluinntinn bhuaibh. Faodaidh sibh ur beachdan fhàgail fo na blògaichean agus tha duilleag againn air Facebook agus air Twitter cuideachd.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo