Gàidhlig / English
Cadal a' Gheòidh

Cadal a' Gheòidh

Air a sgrìobhadh le Edit air 23mh An t-Òg-mhios 2016

’S e cadal a’ gheòidh abairt na seachdaine. ’S ann à Uibhist a Deas a tha an abairt seo a’ tighinn bho thùs agus tha e a’ ciallachadh cadal aotrom no a bhith nad leth-chadal – mar eisimpleir, tha an abairt a’ nochdadh anns an Fhaclair Bheag anns an t-seantans ’S e cadal a’ gheòidh a tha aig Calum, air eadar-theangachadh mar “Calum is a light sleeper.”

Tha e coltach gum faodadh an abairt cuideachd a’ toirt iomraidh air a bhith a’ gabhail ort gu bheil thu nad chadal: anns a’ chlàr seo air Tobair an Dualchais, mar eisimpleir, tha cadal a’ gheòidh air ainmeachadh mar iomraidh air a bhith a’ cadal le aon sùil dùinte ach aig an aon àm a’ gabhail beachd air na rudan a tha a’ tachairt mun cuairt ort.

Tha an abairt fhèin ceangailte ris an dòigh-chadail shònraichte a tha aig geòidh: tha comas aca a bhith nan cadal le sùil fosgailte agus sùil eile dùinte, agus mar sin bhiodh aon phàirt den eanchainn na cadal agus a’ phàirt eile a’ cumail faire. Mar a thèid ainmeachadh an seo, tha an comas seo gu math bitheanta am measg eòin agus tha e cuideachd a’ nochdadh am measg ainmidhean eile. Mar eisempleir, ’s urrainn do leumadairean-mara agus ròin snàmh agus tighinn don uachdar airson adhar fhad ’s a tha iad nan cadal. ’S eòin a-mhàin, ge-tà, aig a bheil smachd air a’ chomas seo – a rèir an t-suidheachaidh, ’s urrainn dhaibh cadal leis an eanchainn gu lèir no dìreach le aon phàirt dheth. Nach biodh an comas sin cuideachail dhuinne cuideachd – nam bitheamaid a’ faireachdainn cadalach, dh’fhaodamaid dìreach cadal le pàirt den eanchainn agus obair leis a’ phàirt eile, mar eisimpleir!

Ma tha sibh eòlach air cadal a’ gheòidh no abairt sam bith eile ceangailte le bhith nad leth-chadal, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn gu h-ìseal, no air ar duilleagan Facebook no Twitter?
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo