- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Bèarnan-brìde
					Air a sgrìobhadh le Kate air 16mh An t-Òg-mhios 2016
					
				
				
				Tha a’ ghrian ris ann an Glaschu. Tha e air leth freagarrach ma-thà, gun cleachdamaid flùr cho beag, sunndach ri bèarnan-brìde gus an uair a dhèanamh a-mach. ’S e uaireadair-grèine a theirte ri ceann a’ bhèarnan-brìde anns na Hearadh, agus rachadh a chleachdadh leis a’ chloinn nuair a bha an sìol air fàs agus air impis a shèideadh agus a sgapadh fad is farsaing. A rèir neach-labhairt ann an Sgalpaigh na Hearadh, bhiodh e fhèin agus a cho-aoisean ga spìonadh, ga sèideadh air agus ga cunntadh gus nach biodh sìol sam bith air fhàgail. A rèir an àireimh a bhathar ag aithris aig an àm ’s a rachadh an sìol a sgapadh uile gu lèir bhon uaireadair, b’ e siud uair an latha a bh’ ann.Tha am faclair beag ag innse gur h-e gathan-gobhainn ainm eile air a shon, a thuilleadh air fiacaill leomhainn. Thathar a’ smaoineachadh gur h-ann à Fraingis a thàinig am facal bho thùs: dent-de-lion. Tha barrachd na sin ri fhaotainn ann am Facal bhon t-Sluagh: sithean a’ phuinnsean, sithean-a’ chait-fhiathaich neo fiù’s sithean cachd-a-choin! ’S e còsalach a th’ anns an rùsg anns a bheil an sìol paisgte agus, a rèir nan Scalpach, ’s e choimhiteach a th’ anns a’ phàirt mhothtanach: an t-siùil a leig leis an t-sìol a dhol le na h-uspagan gaoithe.
Anns an dealachadh, seo agaibh toimseachan, ach tha an t-eagal orm a ràdh gun tug mi dhuibh fuasgladh a cheana:
“Tobar òir air cùl na beinne;
Cùl òir oirr’ s’ beul gloine.”
Ma tha sìon agaibh a chur ris a’ chòmhradh mun bhèarnan-brìde, nach cuir sibh fios thugainn gu h-ìseal.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo