Gàidhlig / English
Caoirean

Caoirean

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 9 an t-Ògmhios 2016

Chaidh an t-ainmear caoirean no caoirnean a chur air sgaoth beag de sgadain, is iad a’ cluich air bàrr nan tonn, le luchd-labhairt à Scalpaigh, na Hearadh. Tha caoirean bunaichte anns an fhacal caoir, ‘teine lasrach’ no ‘teine-sionnachain air a’ mhuir’, agus anns an t-seagh seo, tha e a’ dealbhachadh a’ dheàrrsadh bhoillsgeach a dhèanadh lannan an sgadain, is iad a’ leum is a’ cluich. Chuir luchd-labhairt eile an aon fhacal air sradagan teinnteach anns an dorchadas.

Anns an aon dòigh, ’s e caoirneanach farsaingeachd na mara a bhiodh copach is deàlrach air sgàth nan sgaothan sgadain a bhiodh a’ cluich ann. A rèir aon neach-labhairt, bhiodh e coltach gun robh a’ mhuir air a thogail suas leis a’ choirean; chleachd e an abairt bha druim air a’ mhuir leis. Bha an t-ainm na cnapan dearga aig neach-labhairt eile air cruinneachadh de na h-iasgan, mus tòisicheadh iad a chluich. Bhiodhte a’ cur am facal cnap glè thric air sgaoth de sgadain.

Tha measgachadh de dh’ fhaclan ann am Faclan Bhon t-Sluagh a tha a’ ciallachadh teine-sionnachain air a’ mhuir; coltas deàlrach air a dhèanamh le lannan sgadain a’ deàrrsadh anns an dorchadas. Nam measg tha caoir-bianag, losgadh agus sionnachain. Bhiodh an losgadh seo na chomharrachadh air sgadain tron oidhche: thug neach-labhairt às an Allt Beithe mìneachadh air an dòigh anns am biodh na sgadain a’ dèanamh slighean tiugha tron t-sionnachan. ’S e sgadan an losgaidh aon iasg no sgaoth beag de sgadain a chìte anns an losgadh.

Bhiodh na lannan boillsgeach bho ghlacadh de sgadain a’ fàgail còmhdachaidh air taobhan agus deic a’ bhàta. Rinn aon neach-labhairt à Cinn Tìre coimeas eadar a’ chòmhdachadh seo agus reothadh, mar anns an abairt ‘Fhuair iad sgadan – tha reothadh air [a’ bhàta]’.

Am faca sibhse caoirneanach no sionnachan a-riamh? Faodaidh sibh teachdaireach fhàgail dhuinn fo na blogaichean.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo