Gàidhlig / English
Bòineid-béin

Bòineid-béin

Air a sgrìobhadh le Abi air DiarDaoin 2 An t-Òg-mhios 2016

Cha mhòr nach eil sinn uile eòlach air an sgeulachd ainmeil ud Whisky Galore, ach cha robh uisge-beatha an t-aon rud a bha nochdadh air na h-Eileanan an Iar a thàinig bho na bàtaichean a bha dol seachad air na h-eileanan. A rèir Faclan bhon t-Sluagh bha bònaidean-béin à Ruisia gam faotainn ann an Sgalpaigh na Hearadh mun 1915. Tha pìosan beaga mar seo ri fhaicinn air an làrach-lìn aig DASG an-dràst’ is a-rithist.

Chaidh Bòineid-béin a chruinneachadh ann an 1975 agus e a’ ciallachadh:

‘Russian headdress. Bha bòinneid béin air Eoghainn. (People on Scalpay 60 year back had some of these headgear: they may have been found through sailors.)’

Bha faclan curraic-béin agus currac-béin gan cruinneachadh ann an Sgalpaigh na Hearadh cuideachd a’ ciallachadh ‘Russian Headdress’ agus chaidh currac-cinn a chruinneachadh airson ‘headdress.’

A bheil fiosrachadh sam bith agaibh mun sgeulachd seo no an do lorg sibh riamh sgeulachdan inntinneach mar seo air an làrach-lìn againn? Nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn oir bhiodh ùidh mhòr againn a chluinntinn bhuaibh air Facebook no Twitter.

Cuideachd, cuimhnichibh gu bheil feart ùr againn air an làrach-lìn agus faodaidh sibh a-nis teachdaireachd fhàgail fo na blogaichean.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo