Gàidhlig / English
Amadan Bealltainn

Amadan Bealltainn

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 26 An Céitean 2016

Tha an t-earrach (no is dòcha gur h-e fiù’s toiseach an t-samhraidh a tha ann?) gu dearbh air tighinn an t-seachdain seo agus tha sinn an dòchas gu bheil sibh toilichte gu leòr a’ gabhail na grèine.

A bharrachd air na barbeques agus daoine le “taps aff” a tha air nochdadh gu h-obann anns na pàircean, tha tòrr a’ tachairt ann an nàdar nuair a dh’fhàsas an t-sìde nas blàithe - mar eisempleir bidh eòin a tha air a bhith ag imrich do dhùthchannan mu dheas rè a’ gheamhraidh a’ tilleadh air ais a dh’ Alba.

’S e amadan Bealltainn no eun Bealltainn (‘whimbrel’ no ‘may fowl’ sa Bheurla) aon de na h-eòin seo. Bidh an t-eun sònraichte seo a’ fuireach ann an taobh tuath na Roinn-Eòrpa agus America mar as bitheanta, ach a rèir an fhiosrachaidh a tha ri fhaotainn ann am Faclair Dwelly, bidh àireamh mhòr dhiubh a’ fuireach anns na h-Eileanan an Iar sa chiad cola-deug dhen Chèitein air an slighe mu thuath.

’S e eun beag le gob fada a tha ann an amadan Bealltainn aig a bheil dlùth chàirdeis ris a’ ghuilbneach (‘curlew’). Mar a thèid ainmeachadh ann am Faclair Dwelly, ge-tà, tha an t-amadan Bealltainn eadar-dhealaichte bhon ghuilbneach a chionn ’s nach eil an t-eagal air ro dhaoine agus thigeadh e nar còir faisg gu leòr gus gnothaichean a dhèanamh furasda gu leòr an t-eun seo a mharbhadh gun strì – agus ’s ann air an adhbhar sin a thugadh ‘amadan’ air.

Ma tha sibh eòlach air ainm sam bith eile airson amadan Bealltainn, no ma tha eòlas sam bith agaibh air ainmean eòin inntinneach eile, nach biodh sibh cho math agus ur beachdan a chur thugainn air Facebook no Twitter? Faodaidh sibh a-nis cuideachd teachdaireachd fhàgail fo na blogaichean an seo.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo