- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
So-bhiadhta
					Air a sgrìobhadh le Kate air Diardaoin 19 An Céitein
					
				
				
				’S ann a Nis ann an Eilean Leòdhais a thàinig abairt na seachdainse. Thathar ag ràdh ri duine no beathach sam bith a dh’ itheas dad sam bith a tha ri fhaotainn dhaibh: “chan fhaca mi beathach a riamh a bha cho so-bhiadhta ris.” Tha diofar ann, gè-ta, eadar duine aig a bheil sannt math airson biadh, agus cuideigin a tha direach sanntach! Tha mi air a chothrom a ghabhail an seo beagan abairtean a thoirt dhuibh aig a bheil ceangail ri sannt.’S ann ann an Nis cuideachd a chanadh daoine: “ghabh e lumais air.” Tha seo a’ ciallachadh gun do ghabh e barrachd na bha ri fhaotainn dha, agus leis an sin, gun do ghoid e bho dhaoine eile. ’S e geòcair, no duine geòcach, a theirte ri chuideigin mar sin ann an Loch an Inbhir agus ann an Cùl-cinn. Cuimhnichibh air a’ chraos; ’s e seo fiamh air aodann duine a tha a’ cuartachadh bòrd làn de bhiadh. Anns na Hearadh, ’s e rèipeag a th’ ann an comharra sheòclaid, no, mar eiseimplair, sìlidh air bilean chloinne a dh’ innseas dhuibh gun robh iad gan lìonadh fhad ’s nach robh duine eile ann! Dh’ fhaodte gun cluinneadh sibh an abairt a leanas anns a’ Chomraich:
“Seall a’ rutas a th’ air an duine sin!”
Anns an dealachadh, tha fìor dheagh gnathas-chainnt agam dhuibh à Uidhist a Deas:
“Sannd na seachd sagart…”
’S e seo a fhreagradh sibh: “fear gun mhac, gun nighean!”
Ma tha sibh airson faclan no abairt a bharrachd a chur ris a’ chruinneachadh seo, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn gu h-ìseal.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo