- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Puidseadh
					Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 12mh Cèitean 2016
					
				
				
				’S e ‘puidseadh’ facal na seachdain-sa, gèam inntinneach à Uibhist.Ann an gèam ‘puidseadh’, bhiodh suas ri deichnear a’ cluich, le co-dhiù dhà pheighinn an urra. ’S e amas a’ gheama na peighinnean fhaighinn cho faisg sa ghabhas ris an ‘spideag’ - post anns an talamh. Thogadh an neach a fhuair as fhaisge dhan spideag na peighinnean air fad, chrathadh e/i iad agus chaitheadh e/i iad uile shuas a thuiteam dhan làr. Chumadh e/i na peighinnean a bh’ air a thuiteam air ‘ceann.’ An uair sin, thogadh an dàrna neach a b’ fhaisge na peighinnean air fhàgail (air ‘clàrsach’), is dhèanadh e/i an aon rud - agus mar sin air adhart gus am biodh a h-uile peighinn air a ghlèidheadh.
A rèir an neach a chruinnich am facal, ’s dòcha gu bheil ceangal eadar am facal ‘puidseadh’ agus ‘padhdseadh’ no anns a’ Bheurla ‘pitch.’
Bha cuideachd ‘puidseadh na sgillin’ air a chruinneachadh bhon aon neach, a’ ciallachadh ‘throwing the penny.’
Chaidh ‘puidseadh’ a chruinneachadh ann an Gearraidh na Mònadh, Uibhist a Deas, eadar 1987 agus 1988.
An cuala sibh riamh mun gheama ‘puidseadh’? No a bheil sibh riamh air a chluich? Ma tha, nach biodh sibh cho math agus fios a chur thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo