- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Spiandagan Sneachd
Is ann às Na Hearadh a tha facal na seachdain seo a’ tighinn. Abair facal freagarrach airson an t-sìde a th’againn an-dràsta. Tha spiandagan sneachd (i.e. spìontagan sneachd) air a chleachdadh airson dealbh a dhèanamh air nuair nach eil ach beagan sneachd anns an adhar.
Faodar a ràdh gur e sneachda mìn a bh’ air a chiallachadh anns an abairt / fhacal seo. Ann an Uibhist a Deas chanadh iad nach robh ann ach stradagan de sneachda agus bhiodh seo gu math coltach ri abairt Na Hearadh. Nuair a tha an sneachd aodrom air laighe chluinneadh tu gun robh streafann sneachda air an talamh, is ann à Uibhist a Tuath a thàinig an abairt seo.
Air an làimh eile chluinneadh tu cithean sneachda airson innse mu mheall throm do sneachda. Tha sinn an dòchas gum bi na h-abairtean seo cuideachail dhuibh is àm na Nollaig a' tighinn mun cuairt.
Airson am barrachd fiosrachadh mun abairt spiandagan sneachd agus faclan eile a tha a’ buntainn ri sneachda, tha Roibeard Ó Maolalaigh a’ deanamh iomradh orra anns an leabhar Cànan & Cultar/Language & Culture, Rannsachadh na Gàidhlig 4.
A bheil sibhse eòlach air spiandagan sneachd? Nach inns sibh dhuinn air Facebook no Twitter?
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo