- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Spriodail
’S e seo an t-àm as trainge den bhliadhna aig tuathanaich a chionn ‘s gun gur h-ann as t-earrach a bhios na h-uain air am breith. Nuair a bhios na caoraich troma leis na h-uain, tha an rùsg aca a’ fàs nas truime orra cuideachd. Bidh iad uaireannan a’ tuiteam air an dromannan. ’S e spriodail am facal a th’ againn an t-seachdain seo a chaidh a chruinneachadh ann an Uibhist a Deas agus seo na tha air a ràdh mu dheidhinn ann am Facal bhon t-Sluagh:
‘When an animal was upside down, its legs would be kicking rapidly trying to regain its balance. “Bha e a’ spriodail air an làr”’.
Tha faclan diofraichte airson spriodail ann am Beurla air feadh na dùthcha, mar eisimpleir kessing, cowped/ cowp-ed agus riggwelted. Nam faiceadh sibh caoraich bhochda mar sin, bhiodh e na b’ fheàrr an tuathanach a lorg airson nan caorach a’ cur ceart a-rithist, ach mur b’e is gum biodh an tuathanach ann ’s ann bu chòir dhuibh a’ chaora a thionndadh sib’ fhèin. Thoir an aire nach tuit a’ chaora a-rithist! Tha iad rud beag mì-rianail an dèidh làimhe uaireannan!
Ma tha sibh eòlach air facal no abairt aig a bheil an aon chiall ri spriodail, no ma tha faclan eile agaibh ann am Beurla air a shon carson nach leig sibh fios thugainn air Facebook no Twitter? Bhiodh ùidh mhòr againn a chluinntinn bhuaibh. Faodaidh sibh ur beachdan fhàgail a-nis fo na blogaichean an seo cuideachd.
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo