Gàidhlig / English
Luairchean

Luairchean

Air a sgrìobhadh le Shelagh air Diardaoin 28 An Giblean 2016

Chan eil e coltach gu bheil an t-sìde chaochlaideach a' cur bacadh air na h-uain is na laoigh, is iad a' leum anns na h-achaidhean. Ach dè ghabhas a dhèanamh mura h-eil am màthraichean deònach bainne a thoirt dhaibh?

’S e luairchean bian laoigh mairbh a bhiodh air a lìonadh le luachair agus air a chur fo bhò gus toirt oirre bainne a thoirt seachad. ’S ann bhon fhacal luachair a tha an t-ainmear seo a tighinn, agus chaidh a chleachdadh le luchd-labhairt à Muile agus Cill Fhinn, Siorrachd Pheairt.

Ann an cuid de sgìrean, rachadh am bian a lìonadh le feur an àite luachair – anns an Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Deas ’s e laogh-biadhta a chanar ris. Tha caochladh co-fhaclan eile a’ nochdadh ann am Faclan Bhon t-Sluagh a tha freumhaichte anns an fhacal Seann Èireannach cenn, ‘craiceann’. Chaidh am facal miniceag no minicneag a chruinneachadh o luchd-labhairt às an Eilean Sgitheanach, is e meanbhair an fhacail miniceann. Anns an aon dòigh, ’s e am facal buachdan, a chaidh a thoirt seachad le neach-labhairt à Bhatarsaigh, na thionndaidh air an fhacail boicionn, ‘bian bà’.

Glè thric, bhiodhte a’ cur bian an laoigh air tulach ri taobh na bà – ’s e tulachan a chanar ris an laoigh brèige seo. Tha an aon facal ann an Albais cuideachd, leis an litreachadh tulchan no tourkin, mar a chìthear anns an abairt tourkin-calf. Chaidh am facal a chleachdadh gu h-eachdraidheil cuideachd mar dhealbhachadh air ‘fear-brèige’: duine aig an robh ùghdarras ann an ainm a-mhàin, is neach-taice beartach, cumhachdach aige a biodh a’ cumail an teachd-a-steach uile dha fhèin. Chaidh am far-ainm Tulchan Bishops a thoirt air easbaigean anns na 1570an a fhuair an obraichean bho leas-rìgh Seumas VI, gus am b’urrainn dhasan airgead na h-eaglaise a ‘bhleoghan’.

Ma tha sibh eòlach air abairtean coltach ri seo, faodaidh sibh a-nis cunntas a chruthachadh agus beachdan fhàgail fon bhlog a tha seo.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo