Gàidhlig / English
Feamainn-chìrein

Feamainn-chìrein

Air a sgrìobhadh le Edit air Diardaoin 21 An Giblean 2016

’S ann anns na Hearadh a chaidh facal na seachdaine, feamainn-chìrein, a chruinneachadh an toiseach. A rèir Faclan bhon t-Sluagh, ’s e seòrsa feamainn (seaweed) le neartan sònraichte a tha ann am feamainn-chìrein: as t-earrach nuair a bhiodh am feur tioram, chaidh an fheamainn seo a ghoil agus a mheasgachadh leis an fheur agus a thoirt dhan chrodh. Bhiodh i a’ dèanamh an fheòir nas beathachail – mar tha e ag innse anns a’ chlàr seo air làrach-lìn Tobar an Dualchais, bhiodh i a’ neartachadh chalg agus adharcan a’ chruidh.

Tha e coltach gun robh an fheamainn san fharsaingeachd gu math cudtromach ann am beatha nan Gàidheal. A bharrachd air a bhith air a cleachdadh mar bhiotamain ann am fodar, bhiodh i gu bitheanta air a cleachdadh mar thodhar. Tha an cleachdadh sònraichte seo air ainmeachadh ann an iomadh òran traidiseanta, mar eisimpleir ’S Bidh Fionnlagh ag Innearadh, Mise a Tha Brònach o Thòisich am Feamnadh agus Mhòrag ’s na Hòro-gheallaidh.

Tha cudrom na feamainn cuideachd follaiseach bhon uiread de bhriathrachas ceangailte leatha a bhios ri fhaighinn ann am Faclan bhon t-Sluagh. Tha, mar eisimpleir, ainm sònraichte airson diofar sheòrsaichean den fheamainn, m. e. feamainn anachasach (feamainn air a gearradh às a’ chloich), feamainn-loibhte (a bha air a cleachdadh mar thodhar airson buntàta) agus feamainn shiabaidh (feamainn air a siabadh suas air a’ chladach le muir làn). Tha cuideachd tòrr bhriathrachas ceangailte ri cleachdadh na feamainn, m. e. rà feamainn (cruinneachadh feamainn air a ceangal còmhla le lìon iasgaidh), sùgh-feamainn (sùgh a bhiodh air a tharraing mach às an fheamainn) agus a’ cur fodha na feamainn (a’ cur fheamainn ann an clais).

Ma tha fios no beachd a bharrachd sam bith agaibh air feamainn-chìrein no cleachdadh na feamainn san fharsaingeachd (agus tha mi cinnteach gu bheil!), nach cuir sibh fios thugainn an seo.
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo