- Amasan DASG
 - Mu Chorpas na Gàidhlig
 - Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
 - Mar a bheirear iomradh
 - Eachdraidh
 - Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
 - Sgioba DASG
 - Bòrd Comhairleachaidh
 - Foillseachaidhean
 - Taing
 - Dòighean gus cuideachadh
 - Dlighe-sgrìobhaidh
 - Riaghailtean Cleachdaidh
 - Cuir Fios Thugainn
 - Cainnt anns na Ceathramhan
 - Am Briathradan
 - LEACAN
 - DASG Launch
 - Gairm Air-loidhne
 
Ri g’ Eilgheadh/Leigeil na h-Eilghe
					Air a sgrìobhadh le Kate air 14th April 2016.
					
				
				
				'S e ‘ri g’ éilaidh, leagal na h’ éilaidh,' a theirte ri obair aig toiseach an earraich ann an Siorramachd Rois is Cromba, agus cuideachd ann an Eilean Leòdhais. Thathas ag ràdh ri g' eilgheadh/ leigeil na h-eilghe, a-rèir GOC. Bhiodh na croitearan a’ cur car an ùir le spaid airson a bhith a’ cur an eòrna. Thathar ag innse dhuinn ann am Facal bhon t-Sluagh gur b’ e an t-eòrna am bàrr mu dheireadh a chuireadh san ràithe.
Tha iomadach rud air a’ cothachadh an aghaidh a’ chroiteir a tha a’ feuchainn ri bàrr a chur. Bidh fuachd puinnseanta a’ tighinn aig toiseach an earraich. A thuilleadh air seo, bidh cnangach an earraich a’ tighinn; agus ’s e tiormachd cho cruaidh a th’ ann ’s gun rachadh air biastagan a mharbhadh. Thigeadh an goirt air a chrodh gu bitheanta sna làithean o shean, air sàilleabh an gainnead de dh’ ionaltradh. Mar sin, tha pailteas de dh’ abairtean is sean-fhaclan rim faotainn co-cheangailte ri gainnead bìdh is tainead na beathaichean bochda:
“Am bronnach geamhraidh ’s an seang earraich”
Theirte seo ri coltas seang na gamhna.
Tha gach uair obrach as t-earrach cho prìseil, agus is ann às an smuain sin a thàinig an abairt uchd earraich; a’ ciallachadh gum bu chòir do rudeigin air a dheànamh sa bhad. ’S e sgonn-earraich a theirte ri balach, tapaidh, làidir ann an Tiriodh. Nan robh cuideigin gu sònraichte èifeachdach, luath air obair a dheànamh ann an Uibhist a Deas, bhiodh an abairt a leanas iomchaidh:
“ ’S minig a chaill do cho aoise bliadhna an earraich dhuibh.”
Ma tha abairtean eile agaibh a tha fuaighte ri fuachd, tiormachd neo gainnead an earraich, nach cuir sibh fios thugainn an seo.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
			
			
			
					
			
				
						
						
						
						



Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo