Gàidhlig / English
Caora-bhleac an t-slèibhe

Caora-bhleac an t-slèibhe

Air a sgrìobhadh le Abi air 3 Am Màrt 2016
’S e ‘Caora-bhleac an t-slèibhe’ an abairt a th’againn an t-seachdain seo agus chaidh e a chruinneachadh ann an Sgìre Ùige, Eilean Leòdhais, ann an 1966. Tha e a’ ciallachadh mogairle. Chaidh na mogairlean a tharraing bhon talamh leis a’ chloinn a bha cluich air an t-sliabh agus shaoileadh leotha gur coltach ri ùthan a bha na freumhaichean a bha seo. Sheinneadh iad:

Caora-bhleac an t-slèibhe
ag èibheach le h-uan ’s le h-odaisg.

Tha faclan diofraite airson mogairlean ann am Faclan bhon t-Sluagh air an làrach-lìn DASG. ChaidhUrach-bhalich a chruinneachadh ann an Sgalpaigh na Hearadh, Sobhraidh Balach Breacann am Muile agusMòineachanann an Ròghadal, Na Hearadh, cuideachd.

’S e lus air leth sònraichte a th’ ann am mogairle. Tha iad air a bhith ga chleachdadh airson leigheas a dhèanamh ann an Sìona fad bhliadhnaichean agus an-diugh tha faoineag a thoirt bhon na rosan a tha seo. Chaidh eadar 200 agus 300 gnèithean ùr ga lorg gach bliadhna air feadh an t-saoghail. Leughaidh sibh tuilleadh an seo.

Ma tha facal eile agaibh airson 'Caora-bhleac an t-slèibhe', carson nach leigibh fios thugainn air Facebook no Twitter?
 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
  • Admin

    Taing Raibeart, tha sin air leth inntinneach - gu dearbh, tha an aon chiall aig an fhacal Ghreugais 'orchis'!

    2016-03-15 10:10:28
  • Raibeart MacLabhruinn

    Tha am facal 'mogairle' gu math coltach ri 'magairle' agus gu dearbh s'e 'magairle na monadh' aon de na h-ainmean airson 'orchid' ann am faclair LearnGaelic.net'. A-reir choltais, bha cuid de ghaideal den bheachd gu bheil coltas ri buill-bodhaig eile air na lusan seo!

    2016-03-11 22:12:17