- Amasan DASG
- Mu Chorpas na Gàidhlig
- Mu Fhaclan bhon t-Sluagh
- Mar a bheirear iomradh
- Eachdraidh
- Faclair Eachdraidheil na Gàidhlig (FEG)
- Sgioba DASG
- Bòrd Comhairleachaidh
- Foillseachaidhean
- Taing
- Dòighean gus cuideachadh
- Dlighe-sgrìobhaidh
- Riaghailtean Cleachdaidh
- Cuir Fios Thugainn
- Cainnt anns na Ceathramhan
- Am Briathradan
- LEACAN
- DASG Launch
- Gairm Air-loidhne
Càbhruich
Tha na làithean a’ fàs nas fhuaire a-nis agus tha an Nollaig a’ tighinn faisg oirnn. Nuair a bhios an aimsir cho fuar, bidh an cnatan air iomadach duine. Is e càbhruich (cabhruich, càmhraich, camhraich) am facal a tha againn an t-seachdain-sa. Thàinig an cruth càmhraich bho Uibhist a Deas agus bha e air a chruinneachadh ann an Glaschu.
‘Càmhraich - oatmeal and gruel steeped in water to be used to alleviate colds. To be found in ‘port a beul’ Ann a Bodaich na ho.’
(Ma tha thu eòlach air an òran seo, bhiodh ùidh againn cluintinn bhuat tro Facebook no Twitter!)
Fhuaras camhraich dà thuras eile ann an Uibhist a Deas leis an eadar-mhìneachadh;
‘a drink made from barley. Nutritious.’
agus
‘a dish made from oats. Boiled with water and eaten for breakfast, very much like porridge or brose.’
Ann an Hogha Gearraidh, Uibhist a Tuath, fhuaras:
‘after winnowing some of the grain was kept to be soaked in water for about two or three days. Thereafter it was sifted and boiled and left to form a jelly like substance. Eaten as a jelly, slightly bitter in taste.’
Is e càbhruich / càth-bhruith / càth-bhruich a tha aig Dwelly na fhaclair, agus tha cabhruich (‘sowans’) aig Maighistir Ailean ann an Gaelic Words and Expressions from South Uist and Eriskay, t.d. 54.
Is e cábhruith / cáfraith (‘sowans, flummery (made with husks)’ a bhios aig na h-Èireannaich. Is e càth (‘husks’) agus bruith / bruich (‘boil’) a tha air cùl an fhacail seo.
Blasta! Ma tha an cnatan ort aig an àm seo dhen bhliadhna, dh’fhaodadh tu càmhraich / camhraich fheuchainn!
An do dh’ith thu riamh càmhraich / camhraich no a bheil dòigh sam bith eile agad airson a dhèanamh? Ma tha, nach leig thu fios thugainn air
@DASG_Glaschu/facebook.com/DasgGlaschu.
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo