Gàidhlig / English
Teine sionachain

Teine sionachain

Air a sgrìobhadh le Edit air 25mh an Gearran 2016
'S e teine sionachain facal na seachdaine. A-rèir Faclan bhon t-Sluagh, 's ann ann an Èirisgeigh a chaidh am facal seo (a tha a' nochdadh dìreach mar sionnachan ann am Faclair Dwelly) a chruinneachadh an toiseach agus tha e a' toirt iomradh air 'Will-o'-the-Wisp' - solasan coltach ri teintean a bhios air am faicinn os cionn àitean fliuch, mar bhuig agus mhòintean.

Tha grunn iomraidhean air an solas iongantach seo a’ nochdadh ann an dualchas nan Gàidheal agus tha cuideachd grunn ainmean eile air an cleachdadh air a shon. Tha clàradh air làrach-lìn Thobar an Dualchais, mar eisimpleir, far a bheil e air ainmeachadh mar teine bhiorach agus air a chur an cèill mar sholas coltach ri coinneal a bhios air fhaicinn air a’ mhòintich aig beul na h-oidhche. Tha iomradh ann an clàradh eile air an làrach-lìn ceudna air teine mhòr – solas a bhiodh air faicinn air bàrr an uisge san fharsaingeachd agus a chaidh fhaicinn leis an neach-bratha air cladach ann an Tiriodh. 

Chan ann dìreach air a’ Ghàidhealtachd a tha teine sionachain a’ nochdadh, ge-tà. Tha e coltach gu bheil iad rim faicinn air feadh an t-saoghail agus gu bheil iad ceangailte ri rudan os-nàdarra ann an dualchas anns a’ mhòr-chuid de na h-àitean seo. Bu tric a bha creideas ann gum b’ e taibhsean (uireannan na h-anaman aig daoine mairbh nach deach a bhaisteadh), sìthichean no creutairean os-nàdarra eile a chuireadh na teintean seo air dòigh gus luchd-shiubhail a thàladh às an rathaid agus a-steach dhan uisge.

Mar is àbhaist le rudan mar seo, ge-tà, ’s e tachartas nàdarra a tha ann – tha e an-diugh air a chreidsinn gur h-e losgadh gas anns a’ mhòintich a tha a’ cruthachadh na teintean beaga seo, mar a tha air a chur an cèill an seo.

Co-dhiù, ma tha facal no abairt eile agaibh airson teine sionachain, no ma tha sibh air an solas neo-àbhaisteach seo fhaicinn, nach leig sibh fios dhuinn air Facebook no Twitter!


 
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo