Gàidhlig / English
Clach-fhairachaidh / Clach a’ ghlag

Clach-fhairachaidh / Clach a’ ghlag

Air a sgrìobhadh le Shona air Diardaoin 18mh an Gearran 2016
’S e ‘clach-fhairachaidh’ agus ‘clach a’ ghlag’ faclan na seachdain-sa, faclan Uibhisteach airson clach a bhiodhte a’ cleachdadh ann an suidheachadh sònraichte.

’S e clach shònraichte a th’ ann an ‘clach-fhairachaidh a bhiodhte a’ cleachdadh airson slighe a dhèanamh thairis air caolas eadar tìr agus eilean. Bhiodh an clach-fhairachaidh air fhàgail gun cheangal, agus nuair a choisicheadh cuideigin air, thigeadh e an àirde agus shìos le glagadaich. Bhiodh am fuaim seo a’ toirt rabhadh do dhaoine air an eilean. Tha “faireachadh”, a rèir faclair Dwelly, a’ ciallachadh “dùsgadh” no “rabhadh.”

Chaidh “clach-fhairachaidh” a chruinneachadh ann an Cill Donnain, Uibhist a Deas, eadar 1987 agus 1988. Chaidh facal eile leis an aon chiall a chruinneachadh - “clach a’ ghlag” - ann an Iollaraigh, Uibhist a Deas sna h-aon bhliadhnaichean.

An cuala sibh riamh “clach-fhairachaidh” no “clach a’ ghlag”? No a bheil abairt eile agaibh airson a leithid de chlach? Cuir fios thugainn air Facebook no Twitter.
Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo