Gàidhlig / English
Glucail

Glucail

Air a sgrìobhadh le Kate air 11mh den Ghearran 2016.

’S ann às na Hearadh a tha abairt na seachdaine-sa a’ tighinn. Ma bhios cuideigin car diùid ann a bhith a’ suirghe leibh, agus ma bhios iad a’ tighinn gur n-ionnsaigh gu socair, cùramach, tha iad a’ glucail ruibh. Dh’ fhaodte gun chanadh cuideigin ruibh, ’s iad a’ tarraing asaibh: “tha thu ann a shin a’ glucail ris an tè sin!”

Thathar ag innse dhuinn gu bheil gliùc a’ ciallachadh, ‘a’ cumail am falach.’ Tha Dwelly air innse dhuinn, ge-tà, gu bheil gliùc a’ ciallachadh: ‘blubbering,’ no ‘sobbing.’ Tha seo a’ toirt a chreidsinn gu bheil an duine no an tè bhochd sin air fàs cho diùid, cearbach nach eil iad a’ dèanamh adhartais! Chaidh gluc no gluice a lorg ann am Facal bhon t-Sluagh, agus b’ e suid as ciall dha a rèir cuideigin a bhuineadh do Shrath Ghlais anns an abairt de leithid gluc na sùla. Tha fear seo a’ toirt a chreidsinn gu bheil iad air a bhith a’ toirt sùil oirbh airson greis.

Tha pailteas de dh’abairtean rin lorg ann am Facal bhon t-Sluagh aig a bheil ceangal ri suirghe. Ma tha sibh aig mont ann am Barraigh, tha sibh a-mach a’ suirghe. Tha smealamas a’ ciallachadh bloighean bidhe anns na Hearadh, ach chaidh a chleachdadh cuideachd mar shuirghe no-chunbhalach, gun amas, gun chron air a dhèanamh. Dh’ fhaighnicheadh cuideigin ruibh: “a bheil magaid agad dhìth?” Dh’ fhaodte gun tig e a-steach air am fear/ tè a tha a’ glucail ruibh gun d’ fhuair iad sàthadh an cridhe dhiubh; gu bheil iad air fhàs coma oirbh, agus gun sguir iad ris an oidhirp a dhèanamh!

Nan robh sibh riamh a’ glucail ri cuideigin, agus tha faclan eile agaibh airson a leithid, nach cuir sibh fios thugainn air Facebook no Twitter.

Chaidh ur beachd a chur a-staigh gus sgrùdadh a dhèanamh air
Chan eil beachdan rim faotainn airson a’ phuist seo